Skip to main content

Full text of "An gluasad air son an Eaglais a dhealachadh o'n Std : earail do mhuinntir na h'Eaglais Shaoir anns a Ghaidhealtachd"

See other formats


'.^^J'iiN    GLIIASAD    AIR    SON 


AN    EAGLAIS 

a'  ' 

DHEALACHADH  O'N  STAID. 

EAKx\iL    1)0    MHUINNTIK 

NA    H'EAGLAIS    -SHAOIR 

GHAIDHEALTACHD, 

LRIS    AX 

OEEAMH    CEANADAIDH 

AXN    AN 

INBHIEFEOTHAEAIN. 


E  D  I  N  1]  U  R  G  H  : 
J  A  M  E  S     (i  E  M  M  E  L  L,     (;  E  0  R  G  E     IV.     B  R  I  D  G  E 


18  8  2 


R.M.?. 


1 
1 


AN    GLUASAD    AIR    SON 

AN    EAGLAIS 


DHEALACHADH  O'N  STAII). 


EAKAIL   DO    MHUINNTIR 

NA    H'EAGLAIS    SHAOIR 

ANKS    A 

GHAIDHEALTACHD, 

LEIS   AN 

OLLiAMH    CEANADAIDH 

ANX   AN 

INBHIEFEOTHARAIN. 


EDINBURGH: 
JAMES     GEMMELL,     GEORGE     IV.     BRIDGE 

16   8   2. 


LAURISTON  CASTI.E 

pBRARYACCESSIUN 


AN  GLUASAD  Affi  SON  AN  EAGLAIS 

A 

DHEALACHADH  0'   N  STIÀD. 


Ghlac  grad-chlisgeadh  a  bhuidhean  sin  anns  an  Eiglais  Shaoir 
a  tha  air  son  an  Eaglais  Steidhichte  thilgeidh  bun-os-cionn. 
Bha  daoine  an  dùil  nach  rachadh  ni  sara  bith  a  dheanamh  anns  an 
rathad  sin  gus  an  eireadh  àni  iomchuidh  am  an  coimhcheangal  ri 
taghadh  buill  na  Pàrlamaid,  gu  bhi'  cur  dearbhadh  air  iarrtus 
sluagh  Alba  anns  a  chùis  so. 

Tha'  bhuidhean  a  tha  rìs  a  cur  na  h-eaglais  agus  na  dùthcha 
troimhoheile  air  son  so  cunntachail  agus  fuidh  throm  ualaich. 
Bhà  ar  n'  eaglais  rò-fheumach  air  fois  bho  chonnsachadh,  agus  gu 
h'àraidh  gun  seachnadh  i  gnothuch  a  ghabhail  ri  doighean  raigh- 
laidh  aimsireil  na  dùthcha,  a  bheireadh  reothadh  agus  fuachd 
spioradail  oirre  fèin.  Ach  tha  leabhranan  air  an  sgriobhadh  agus 
gan  craobh  sgaoileadh  mu  thimchioll  dealachadh  na  h'  eaglais  o'n 
Stàid  ;  tha  orduighean  air  an  toirt  le  àrd-luchd-treorachaidh  anns 
an  eaglais  do'n  mhuinntir  a  tha  gan  leantuinn  anns  na  cleiribh 
agus  anns  na  seanaidhean  gun  cuireadh  iad  suasiarrtuis  do'n  Àrd- 
Sheanadh  (Assembly)  fàbharach  do'n  ghluasad  sin ;  tha  ball  de'n 
Phàrlamaid,  a  tha  na  fhèin-thoileach,  air  toirb  caismeachd  gu 
bheil  roimhe  gluasad  a  dheanamh  anns  a  Pbàrlamaid  gum  biodh 
an  Englais  agus  an  Stàid  air  an  dealacliadh ;  tha  coinneamhan 
follaiseach  ga'n  cumail  feadh  na  dùthclia  fabharach  d'a  chuid 
beachdan;  agus  tha  iad  suidhichte  iarrtuis  a  chur  do'n  Phàrla- 
maid  air  son  so.  Tha  na  nithe  so  uile  a  dearbhadh  gu  bheil  iad 
(na  Fein-Thoileich)  suidhichte  air  a  cheist  so  a  thoirt  gu  crìch 
ann  an  aithghearr.  Tha  mi,  uime  sin,  air  mo  cho-èigneachadh  gu 
earail  a  thoirt  do'  m  chàirdean  anns  a  Ghàidhealtachd,  gu  bhi 
leigeadh  ris : — 


1.  Anns  acheudàite. — Ciocl  e  an  seasamh  agus  an  dleasannas 
fuidh  bheil  an  Eaglais  Shaor  a  thaobh  Eaglais  abhi  Steidhichte. 
2.  San  dara  h-aìte. — Gu  bheil  an  gluasad  air  son  nach  biodh 
Eagiais  Steidhichte  ann — no,  nach  biodh  gnothuch  sam  bith 
aig  an  Stàid  ri  eagiais  air  bith  seach  a  cheile,  am  feadh  a  tha  e 
calg-dhìreach  an  aghaidh  ar  suidheachadh  agus  geallaidh  cùmh- 
nant  mar  Eaglais  Shaor,  ag  eiridh  bho  aobharan  nii-urramach,  air 
a  chompanachadh  le  leithid  do  choniharraidhean  searg  spioradail, 
's  gu  bheil  e  ro  mhi-choltach  gum  b'urrain  e  bhi  co-sliinnte  ri  toil 
an  Tighearn.  3.  San  treus  àite. — Gur  e  ar  dleasannas  'san  àm 
dlùth  leantuinn  ri  steidh  an  Dealachaidh,  air  leth  fathasd  o'n 
Eaglais  Steidhichte,  ach  a  deanamh  na  h'  uile  adharp  air  am 
beannachd  mor  sin — Eaglais  Steidhecte  air  bonn  ceart  agus 
fallain  f  haotainn  agus  a  dhion  ann  an  Alba.  4.  Agus  anns  a 
cheathralnh  àite. — Gur  e  so  gu  h'  àraidh  dleasannas  na  h'  uile 
anns  a  Ghaidhealtachd  a  bhuineas  do'n  Eaglais  Shaoir. 

I. — SUIDHEACHADH   AGUS   DLEASANNAS   NA    H'   EaGLAIS    ShAOIR. 

Tha  suidheachadh  àraidli  eagiais  air  bith  air  fhaotainn  a  mach 
le  bhi  leigeadh  ris  ciod  anns  am  bheil  i  'g  eadar-dhealachadh  ri 
eaglaisean  eile  mu  timchioll.  Cha  'n  eil  coir  aig  eaglais  sam  bith 
a  bhi  dealaichte  bho  chàch  mur  eil  i  eadar  dhealaichte  uatlia  anns 
an  fhianuis  a  tha  i  toirt  mar  eaglais.  Tha  nis  dà  eaglais  mhòr 
chleireil  eile  ann  an  Alba — An  Eaglais  Steidhichte,  agus  an 
Eaglais  Chleireil  Aonaichte  (U.P.),  gach  aon  dhiu  ag  aideachadh 
a  bhi  cumail  ri  Leabhar  Aidmheil  A  Chreidimli,  Leabhar  Mòr 
agus  Leabhar  aithghearr  nan  ceist ;  gus  o  chionn  ghoirrid  an  d' 
rinn  na  U.P.'s  mòr  atharrachadh  air  Leabhar  Aidmheil  A 
Chreidimh.  'S  e  tha  g'  eadar-dhealachadh  na  li'  Eaglais  Shaor 
uatha  so  le  cheile — nach  eil  i  aon  chuid  fuidh  smàig  na  Stàid,  no 
na  Fcin  Thoilich.  Tha  i  air  an  dara  laimh  a  cur  an  agiìaidh  an 
t'  uachdaian  ainisireil  a  bhi  tighinn  eadar  i  agus  a  riaghladh 
spioradail,  agus  air  an  laimh  eile  a  làn  chreidsinn  gu  bheil  e 
Scriopturail,  agus  uime  sin  na  mhor-bhuanachd  gum  biodli 
comhchcangal  eadar  an  Eaglais  agus  an  staid. 

'S  e  so  tha'deanamh  a  suidheachadh  mar  ea^lais  eadar  dhea- 


laiclite  ann  an  Alba.  Uime  sin  tlia  gniomb  sam  bitli  a  ni  i 
calgdhìreach  an  aghaiJh  an  eadar  dhealachaidh  so  mi 
chubhaidh  d'a  suidheachadh.  Bha  i  aii'  a  suidheachadh  air 
làraich  eadar — raheadhonach — an  Eaglais  steidhichte  fuidh  smàig 
na  stàid  air  an  aon  laimh,  agus  na  Fein  ThoiHch  CVoluntaries)  air 
an  laimh  eile.  Tha  i  fagail  a  bunait,  agus  a  dol  thar  a  criochan 
an  uair  a  dhaomas  i  gu  aon  seach  aona  dhiu  so. 

B'e  so  beachd  a  cinn-iuil,  agus  ant'skiaigh  a  lean  iad  aig  àm  an 
Dealachaidh  (1843).  "Ged  a  tha  sinn  a  fàgail  na  H'  eaglais 
Steidhechte,"  arsa  Dr.  Chahners,  "  air  a  truaileadh,  ach 
b'  aoibhnsacli  linn  pilltin  ri  tè  ghlan.  Ann  an  cainnt  eile^ 
is  sian  hichd  tagraidh  a  bheachd  gur  coir  an  creidimh 
Criosdail  a  bhi  air  aideachadh  agus  air  a  chuideachadh  leis  an 
rioghachd,  agus  cha'n  eil  sinn  na'r  Fein-Thoilich."  Bu  cho-ion — 
ann  soilleir  a  chuir  Dr.  CandHsh  an  aghaidh  Fèin  Thoileachd 
(Voluntaryism).  "  Tha  mi'n  dòchar,"  ars  esan,  "  gum  bi  sinn 
comasach  ann  ar  n'  Ard-Slieanaidhean,  agus,  ma  dh'f  heudas  e  bh  i , 
ann  ar  n  uile  ghniomhara  eile,  cumail  gu  daingean  ri  prionnsabui 
Eaglais  Steidhichte.  Tha  mi  n  dochas  gun  cuir  sinn  an  aghaidh 
gluasad  no  tairgse  sam  bith  air  son  aonaidh  ri  eaglais  air  bith  a 
tha  g'eadar  dhealacliadh  ruinn  'sa  phuinc  so."  ('S  bochd  nach 
do  mhair  e  mar  sin.)  Thug  Hugh  Miller,  aig  an  robh  fìos  air 
inntinn  na  h'  eaglais  air  fad,  a  chomhaixde  so  air  an  Eaglais 
Shaoir  :  "  Dhiarradhmaid  hiachmhorachd  prionsabul  Eaglais 
steidhichte  a  sparradh  air  gach  ball  de'n  Eaglais  Shaoir.  Bhiodh 
e  cheart  cho  cutliaicli  a  leigeadh  sios  aig  an  àm  so  's  a  bhiodh  e 
do  shaighdear  armachd  a  thilgeadh  dheth  ri  aghaidh  blàir,  agus 
dol  a  steach  glan  rui.sgte  do'n  chath.  Is  e  'n  aon  bhonn  e  air  am 
bheil  e  comasach  cumail  suas  anns  na  strìthean  a  tha  tigliinn, 
agus  an  creidimh  cleireil  agus  Ath-leasaichte  a  chumail  suas." 

Ach  feudair  a  ràdh  nach  eil  sinn  gu  bhi  air  ar  ceangal  ri  bria- 
thraibh  duine  sam  bith,  ge  'r  bith  cho  àrd  am  an  inblie,  agus  cho 
mòr  an  ughdarras.  Gidheadh  cha'  n  urrainnear  sin  a  ràdh 
thaobh  riaghailtean  ughdarrasachail  na  h'  eaglais,  aims  na 
agriobhaidhean  air  am  bheil  i  air  a  bonntachadh,  ann  an  achd- 
annan  an  Ardsheanaidh  a  tha  leijzeadh  ris  a  steidh,  agus  mar  a 


6 

tha  na  nithe  sin  ag  agradh  gun  cumteadh  gu  dìleas  ri  a  bunait- 
ean. 

Is  anns  an  agriobhadh  ris  an  abrar  "  a  choir  Thagraidh  "  (claim 
of  right — 1842),  a  tha  steidh  na  h'  Eaglais  Shaoir  air  a  leigeil 
ris.  Cha  'n  eil  i  nis  mo  na  H'  eaglais  Shaor  na  H'  Alba  ma 
sguireas  i  thagradh  air  son  na  bha  i'  g  iarraidh  'sabhliadhna  1842, 
agus  gun  cuir  i  cùl  ris  an  aon  t'  suidheachadh  anns  am  bu 
chomasach  dhi  gabhail  ris  na  bha  i  'g  iarraidh.  Tha  "  choir 
Thagraidh  "  sin  anns  na  briathraibh  so — "  Tha  an  t'  Ard  Sheanadh 
a"Tagradh  niar  an  Coir"air  an  son  fein  agus  air  son  skiagh 
Alba  ann  an  comhcheangal  ris  an  iomadh  reachd  laghail,  agus  am, 
"Bann  Aonaidh,"  (Treaty  of  Union)  a  tha  air  ainmeacliadh  an 
deigh  so,  gum  bi  an  Eaglais  saor  gu  bhi  'mealtuinn  a  saorsainean, 
a  h'  uachdaranachd,  a  smachd,  a  còirichean,  agus  a  sochairean  a 
rèir  an  lagha."  Nis  is  e  so  "  Tagradh  "  nach  gabh  a  bhi  air  a 
thoirt  ach  do  eaglais  an  an  daimh  ris  an  stàid,  no  toileach  a  dhol 
anns  an  daimh  sin  ris  an  Staid  a  tha  'm  focal  "  Steidhichte  "  a 
ciallachadh.  Tha  "  Fianuis  "  (Protest)  1849  a  cur  an  cèìì, — ■"  gu 
bheil  a  choir,  (claim),  a  Ghairm,  (Declaration)  agus  Fianuis, 
(Protest)  an  Ard-Sheanaidh  a  chruinnich  ann  an  Dunt^idin  anns  a 
Mhàigh  1842,  mar  achd  Ard-Sheanaidh  saor  agus  laghail  a 
foillseachadh  fior  bhunait  na  H'  Eaglais  shaoir,  agus  gur  e 
dcultadh  na  "  Coir  Thagi'aidh,"  an  t'  aon  aobhar  air  son  an 
Dealachaidh.  Uime  sin  ma  ta — uaiì^  saìn  bitJi,  anns  ani  biodh  a 
"  Choir  Thagraidh  "  air  a  toirt,  bu  choir  gum  biodh  an  Eaglais 
Shaor  ullanih  pilleadh  ri  suidheachadh  eaglais  Steidhichte. 

Anns  an  dara  Achd  deug,  1846.  "Anns  na  ceisdean  a 
chuirear  ri  hichd  dreuchd,"  tha  e  air  a  radh,  "  Gu  bheil  an 
caglais  ag  cumail  gu  daingean  ris  na  beachdan  sgriobturail  a 
thaobh  dleasnas  sluaigh  agus  an  luchdriaghlaidh  ri  Eaglais 
Chriosd  air  son  an  do  chathaich  i  gu  so,"  an  dà  chuid  anaghaidh 
Erastianich  agus  an  aghaidh  Fein-thoilich.  Ann  an  achd  VII., 
1853.  "  Mu  thimchiol  bunaitcan  na  H'  Eaglais,"  tha  e  aìr  a  radh, 
■'  Gu  bheil  an  Eaglais  so  a  cumail  gun  atharrachadh  agus  gun 
chlaonadh  ris  a  Chlaim,  Dedaration,  agus  am  Protest  1842,  agus 
Protest  1843,  mu  thimchiol  e  bhi  lafrhail  aofus  Ssxriobturail  comh- 


cliòrdadh  a  bln  cadar  Eaglais  Chriosd  agus  an  Staid,  agus  na 
cumh  achan  air  an  coir  an  comU-chòrdadh  sin  a  blii  air  a  riagh- 
ladh — cho-maith  ris  an  t-seasamh  gus  an  robh  an  Eaglais  air  a 
gairm  gu  a  ghabhail  ann  an  cumail  suas  nam  beachdan  so  ann  an 
1842  agus  1843 — a  togail  fianuis  an  aghaidh  foirneai-t  air  a  coir- 
ichean  laghail,  agus  a  tagairt  dioladh  air  son  na  h'  encoir  a 
rinneadh  oirre."  Tha  'n  Eaglais  Shaor  mas  sin  ann  an  "  seasamh 
fear  tagairt  a  chòrach,"  o  'n  Staid,  gus  an  d'  theid  dialadh  a 
dheanamh.  Tha  i  sgur  a  bhi  na  H'  Eaglais  shaor  na  H'  Alba 
uair  air  bith  a  chlaonas  i  on  t'  seasamh  sin. 

Agus  a  thuilleadh  air  sin,  tha  sinn  fuidh  fliiacha,  am  feadh  's 
nach  eil  sinn  a  tilgeadh  uain  "A  chòir  Thagraidh,"  (claim  of 
right),  "  meas  mòr  a  chur  air  a  chomh-cheangal,"  eadar  an  Eaglais 
agus  an  Stàid,  agus  ann  an  deireadh  a  "  chlaim,"  tha  sinn  fuidh 
bhoid  a  bhi  "g'  ùrnuigh  "  gum  biodh  Eaglais  Steidhichte  air  bonn 
ceart  air  a  h'  aiseag  do  Dh'  Alba.  Agus  tha  'm  Protest  ag  ràdh, 
"  gur  coir  an  dleasannas  so  fheuchain  ri  fhaotain  air  gach  doigh 
laghail,  mar  a  bhitheas  cothrom  air  a  thoirt  ann  am  Freasdal 
maith  an  Tighearna,"  's  e  sin  gun  cuidicheadh  agus  gun  cumadh 
an  t'  uachdaran  aimsireil  suas  Eaglais  Chriosd,  a  reir  Focal  De'. 

Tha  n'  Eaglais  Shaor,  uime  sin,  ann  na  sgriobhaidhean  fianuis- 
eachail,  fuidh  fhiachaibh  a  bhl  tagairt,  1.  "coir  agus  dleasanas 
an  uachdarain  aimsireil  a  bhi  steidheachadh  agus  a  cumail  suas 
'sa  cuideachadh  Eaglais  Chriosd  a  rdir  Focal  Dh^.  2.  Meas  mòr 
a  chur  air  a  leitliid  siii  do  shuidheachadh.  3.  Bhi  'g'  ùrniugh 
air  son  na  sochair  sin. 

Is  e  so  an  seasamh  agus  na  nithe  a  tha  sinn  fuidh  bhoidean 
solaimte  bhi  'g  iarraidh  mar  Eaglais  Shaoir ;  agus  feumaidh  gu 
bheil  ni  sam  bith  a  ni  sinn  an  aghaidh  so  oni-dìdleas  agus  mi- 
laghail,  agus  uime  sin  neo-ghllc  agus  peacach. 

II. — TOBAR  AGUS   BRIGH  A  GHLUASAID  ANNS   AN  EAGLAIS    ShAOIR. 

Shaoilte  nach  eil  feum  air  argumaid  sam  bith  gu  bhi  nochdadh 
ga  bheil  an  gluasad  so  g  tur  an  aghaidh  fior  fhianuis  na  H' 
Eaglais  Shaor,  agus  na  bhriseadli  air  a  comh-clieangail  sòlaimte. 

Thainig  i  gearr  an  toiseaeh  ann  a  bhi  cho  liudha  bliadhna 


8 

gun  a  "  Coir  Thagraidli "  a  cliur  fa  cliomhair  na  Pàrlamaid. 
Faodaidh  gu  robh  e  glic  gun  so  a  dheanamh  car  ùine ;  ach  fad 
nan  ceud  deich  bliadhna  cha  do  smaointich  i  aon  uair  air  a  "  Coir 
Thagraidh  "  a  leigeadh  seachad,  ged  nach  do  ghabh  i  ceum  sam 
bith  air  son  fhaotainn.  Anns  a  bhliadhna  1853  chuir  i  'n  cèil  as 
ùr  gum  b'  e  a  dleasannas  a  "  Coir  "  a  thagradh  nuair  a  thigeadh 
àm  iomchuidh,  Cha  d'thainig  na  h'aire  a  "  Coir  "  a  leigeil  sios- 
B'  e'n  aon  aobhar  air  son  nach  d'  thug  i  an  ni  as  vlt  fa  chomhair 
an  luchd  riaghlaidh  nach  fac  i  gun  robh  fathast  "  Am  iomchuidh 
ann  am  freasdal  Dhè "  air  teachd.  Ach  bha  gun  teagamh  "  àm 
iomchuidh"  ann  an  nuair  a  bha  gkiasad  air  a  dheanamh  gun 
cuirteadh  as  "  lagh  no  Pàtronachd,"  agus  gum  biodh  an  t'  saorsa 
a  shruthadh  uaithe  sin  air  a  toirt  a  mhain  do'n  Eaglais  Steidh- 
ichte.  Bha  glaodh  mòr  air  a  dheanamh  a  thaobh  an  anacoartas 
a  bha  ann  gum  fàigte  muidh  san  flmachd  a  mhuinntir  dlia'  m  b' 
eigin  dealachadh  ris  an  an  Eaglais  Steidhichte  do  bhrigh  an 
achd  ud.  Ach  'se  bu  chiall  do'n  ghaoir  so,  cha'n  e  bhi  cuimhneach- 
adh  agus  a  tagairt  an  "  Coir,"  ach  a  chum  's  gum  biodh  fuath  do' 
n  Eaglais  Sttiidhichte  air  a  dheanamh  nis  seirbhe.  Nan  robh  an 
Eaglais  Shaoir  mar  a  bha  i  ann  1858,  bha  i  air  a  "  Coir  "  a  chur 
an  cèil  agus  a  thagradh.  Ach  sguir  i  bhi  deth  'n  inntinn  sin  ;  co 
dhiù  dhatharraich  na  leaders  aice,  agus  lean  a  chuid  bu  mho  dhe'n 
Àrd-Sheanadh  iad  gu  dìblidh. 

Cìod  a  tha  tilgeadh  hun-os-clonn  na  H'eaglais  Steidhichte 
(Disestablishment)  a'  gabhail  a  stigh  ? 

Is  e  tha  air  iarraidh  a  nis  gum  biodh  ionmhas  na  dùthcha  air 
son  cumail  suas  aobhar  Chriosd,  no  foghhim  diadhaidh,  air  a  thoirt 
bho  shluagh  Alba,  agus  nach  biodh  gnothuch  sam  bith  aig  an 
Stàid  ris  an  Eaglais,  agus  nach  toireadh  i  gnuis  dhi.  Tha  so  ro 
aimideach  agus  calg-dhìreach  an  aghaidh  aidhmheil  agus  bòidean 
na  H'  Eaglais  Shaoir.  Sin  a  dh'  aidich  sinn  air  an  cuireadhmid 
mor  mheas,  sin  a  gheall  sinn  a  bhi  g'ìirnuigh  air  a  shon,  sin  a 
gheall  sinn  na  h'uile  doigh  laghail  a  chleachdadh  gu  thoirt  mun 
cuairt,  tha  sinn  a  nis  ag  iarraidh  gum  biodh  e  gu  tur  air  a 
dheanamh  eucomasach.  Tha  sinn  ag  ràdh  gur  ni  gun  diù  air  an 
cuireadhmid  roimhe  mòr  kiach.     Sin  air  son  an  robh  sinn  ag 


ùmuigh  roimhe  tha  sinn  a  nis  feuchaiun  ri  dheanarah  eucom 
asach  fhaotainn.  Agus  tha  sinn  a  nis  a  dol  ann  an  co-bhuinn 
raaile  ri  uile  kichd  àicheidh  na  dùthcha  gu  sin  a  chur  a  bith  a 
gheall  sinn  strì  a  dheanamh  air  a  shon.  Cba'  n  eil  e  'n  comas 
do  reusonachadh  raeallta  sam  bith  dreach  eile  chur  air  a  chùis  so. 
Cia  air  bith  na  theid  aideachadh,  cha'  n  eil  e  'n  comas  do'n 
Eaglais  Shaoir  gluasad  air  son  nach  bi  Eaglais  Stdidhichte  idir 
ann,  gun  a  bhi  gu  h'  iomlan  a  cur  cùl  ri  a  fior  sheasamh. 

Cha  'n  e  idir  a  tha'  ir  ag  iarraidh  an  Eagiais  Steidhichte  mara 
tha  i  nis  dhealachadh  ris  an  staid,  air  son  Eaglais  St^idhichte  cheart 
a  chur  suas  ann  an  Alba.  Theagamh  nach  biodh  sin  as  an  rathad, 
ged  a  dh'  fhaodadh  e  blii  dol  car  fada-dh'  fhaodadb  e  bhi  coshinnte 
TÌ  faithrichean  dhaoine  aig  àm  an  Dealachaidh,  ged  nach  eil  e  air 
iarraidh  le  aon  do  dh'  aidmheilean  follaiseach,  agus  seasamh  na  h' 
Eaglais.  Ach  'se  tha  air  iarraidh  crioch  a  chur  air  aidmheil  no 
Eaglais  .sam  bith  a  bhi  steidhichte  ann  an  Alba.  'Se  sin  a  tliubhairt 
Àrd-Sheanadli  na  H'  Eaglais  Shaor  ann  an  1880 — "  gur  coir  do 
bhrigh  mar  a  tha  cùisean  a  nis,  an  t'  airgiòd  a  rachadh  a  chur  saor 
le  Disestablìshment  a  ghnàthachadh  air  son  maitb  an  t'  sluaigh, 
agus  gum  biodh  foghkim  nis  fearr  agus  nis  ciomlilionta  air  a 
thoirt,  a  r^ir  beachdan  rauinntir  Alba."  Tha  a  soilleir  uaithe  so 
nach  eil  eidir  air  iarraidh  gura  biodh  Eaglais  Stèidbicht  ath- 
leasaichte  ann.  Tha  so  gu  h'  iomlan  a  reir  nara  Fèin  Thoilich 
(Voluntaries).  Feumaidh  gu  bheil  mura  b'  urrrain  iad  a  bhi  cho 
cridheil  ag  oibreachadh  laimh  air  laimh  maile  ris  na  ''  Liberation- 
ists."  Faodaidh  a  bhuidhean  san  Eaglais  Shaoii*  a  tha  gabhail  a 
chùrsa  sin  a  bhi  'n  dìiil  gur  h'  urainn  iad  "  an  Establishment 
Principle "  a  ghleidheadh,  ach  cionnus  as  urainn  iad  a  bhi 
gabbail  orra  bhi  dol  air  adhart  a  rèir  an  aidmheil  agus  am 
bòidean  raar  rahuinntir  a  bhuineas  dhi  ?  Tha  na  struthain  gu 
h'  iomlan  Fein  Thoileach  (Voluntary),  agus  tha  e  eucomasach 
a  shaoilsinn  gu  bheil  an  tobar  eadardhealaichte. 

'Se  an  aon  aobhar  as  urainnear  a  thoirt  air  son  an  t'  eadar- 
dhealachadh  a  th'  eadar  aidmheil  agus  cleachdadh  na  buidhne  so 
gu  bheil  iad  ag  ràdh  gu  bheil  e  eucomasach,  thaobh  mar  tha 
cùisean  a  nis,  a  bhi   'n   dìiil   gu   faighear   Eaglais    Stdidhichte 


10 

tuileadh  air  bonn  ceart  ann  an  Alba.  'Se  sin  ri  ràdh,  gu  bheil 
ni  a  sgur  a  bhi  na  dhleasannas  nuair  a  shaoilear  mi-choltach  gu 
ruigear  air  aon  de  na  criochaibh  a  tha  san  aniharc  ann  a  bhi  ga 
choimhlionadh.  'S  beag  a  rachadh  a  dheanamh  riamh  le  Eaglais 
Chriosd  air  son  'aobhair  nam  b'  e  sin  riaghailt  a  dol  air  adhart. 
Cha  raighailt  idir  air  son  dleasannais  co  aca  tha  ni  coitach  ri 
bhi  soirbheachail.  Tha  'n  Eaglais  sin  gu  tur  mi-dhìleas  a  dh' 
f  huilingeas  i  fè'm  a  bhi  air  a  cumail  fuidhe  le  coltasan  mishoir- 
bheachail.  Agus  tha  ni  nis  àirde  aig  an  Eaglais  Shaoir  san 
amharc  na  'n  dioladh  a  tha  i'  giarradh  o  'n  stàid.  Tha  aice  ri 
lianuis  neo-fhein-spèiseil  a  thogail  air  taobh  Chriosd,  mar  "  Chean 
gach  uil'  uachdaranachd  agus  cliumhachd ; "  agus  cha  'n  urrainn 
i  sin  a  dheanamh  ach  anns  an  t'  seasamh  sam  bheil  i.  Is  coir 
dhi  bhi  toileach  fantuinn  mar  a  tha  i  mòran  nis  faide,  mas  ann 
mar  sin  a  bheir  i  fianuis  air  son  Chriosd,  le  bhi  'g  iarrridh  a 
"  Coir  Thagraidh."  Is  leor  an  duais  dhi  an  t'  urram  so  gus  an 
tig  ùm  na  Tighearn  air  son  a  cobhair.  Buanaiclieadh  i  na  h' 
obair  le  a  siàil  air  laimh  a  Cinn  a  tha  Uilechumhachdach,  aig  am 
bheil  cridheachan  nan  uile  dhaoine  agus  na  h'  uile  nithe  fuidh  a 
smachd. 

Ach  cha  'n  urainn  i  ràdh  gur  e  cho  doirbh  'sa  a  bha  'n  gnothuch, 
nuair  nach  d'  rinn  i  aon  oidhirp  air  a  "  Coir  Thagraidh "  a 
thoirt  fa  chomhair  na  Pàrlamaid  òAo  1843;  agus  nach  e'il  mar 
sin  aon  fliaill'inn  aic  air  chunntas.  Cha  'n  eil  nithe  nis  mi- 
ghealltanaiche  na  nuair  a  bha  'n  Eaglais  dìleas  ann  an  1853,  agus 
a  rùnaich  i  cumail  ris  an  t'  suidlieachadh  a  thog  i  deicli  bUadhna 
roimhe  sin,  agus  a  thagair  i  a  "  coir."  Blio'  nuair  sin  cha  do 
ghabh  na  cuirtean  siobhalta  gnothuch  sam  bith  ri  riaghladh 
spoiradail  na  h'  eaglais — co  dhiìi  oidhirp  sam  bith  a  chaidh  leo. 
An  àite  sin  is  ann  a  dh'  fhurich  iad  gu  h'  iomlan  o  bhi  g'  iarraidh 
lamh  an  uachdar  air  an  Eaglais.  Bho  'n  am  sin  mar  an  ceudna, 
tha  "  Achd  na  Pàtronachd,"  a  b'  aobhar  araidh  an  Dealachaidh, 
air  a  chur  as,  agus  sin  leis  an  dearbh  Pharlamaid  bu  mhi- 
choltaiche  bheireadh  fuasgladh  do  'n  Eaglais  o  na  ceang- 
laichibli  a  bha  'n  t'  Achd  sin  a  leagadh  oirre.  Cha  'n  ann  bho 
atharrachadh   sam    bith    a   thainig    san    Flu-casdal   a   dheirich 


11 

atlmrrachadh  cleachdaidh  na  h'  Eaglais  Shaor.  'S  ann  a  dlieirich 
e  bho  atharrachadh  an  inntinn  na  h'  Eaglais  fein.  Dheirich  an 
gluasad  air  son  "  Disestablishment "  bho  eud  air  son  an  Eaglais 
Steidhichte  bhi  fàs  ann  an  neart,  agus  bho  iarrtus  aonadh  ri 
"  Voluntaries  "  gus  'm  biodh  aon  eaglais  mhòr  ann  a  bhiodh  uiread 
ri  ann  an  àireamh,  's  ann  an  ùghdaras. 

COMHARRAIDHN^X   DOL    UAITHE. 

Tha  6  ceaduìchte  gu  leor  dearbhadh  a  chur  air  gluasad  dheth 
'nt'seorsa  so  le  bhi  toirt  fanear  coltasan  staid  Spioradoil  na 
h'eaglais  ri  lìnn  dha  eiridh  agus  dol  air  adhart.  Faodaidh  gun 
teagamh  Eaglais  a  tha  dol  air  ais  iomadh  nì  cliùtach  a  dheanamh, 
ach  cha'n  in-ainn  Eaglais  sam  bith,  ann  an  staid  cìil-sleamh- 
nachaidh  dol  as  o'n  amharus  so.  'S  iàidir  gun  teagamh  an  grunnd 
air  am  fìreanaich  ì  a  gniomhara,  mun  urainn  i  dol  as  o'n  amliarus 
so.  Ach  ma  dli'fhaodair  na  h'atharraichean  eile,  a  tha  gun  tea- 
gamh  a  nochdadli  dol  uaithe,  a  chur  as  leth  an  aon  aobhair  ris  a 
so,  feumaidh  e  bhi  air  a  dhìteadh,  agus  a  mheas  mar  chomliarradh 
eile  air  galair  spioradail. 

Is  e  neo-sheasmhachd  galair  ar  n'eaglais.  I  bhi  cur  suas  le 
mearachdan  air  an  deanadh  i  aon  uair  obair  aithghearr  (le'n 
spionadh  a  nios)  a  tr^igsism  air  an  doigh  aoraidh  a  tha  i  fuidli 
bhoid  a  bhi  cumail  ris,  tha  iad  sin  nan  comharraidhean  air  a 
tinneas,  agus  an  gluasad  so  air  son  nach  bi  Eaglais  Steidliichte 
ann  (Disestablishment)  aon  eile  dhiu.  Sguir  i  ann  an  tomlias 
mòr  a  bhi  cumail  gu  daingean  ris  "  an  t'  samhla  teagaisg  "  bu  choir 
dhi  choimhead  agus  a  dhion,  eadhon  na  h'oidhirpean  air  Focal 
Dhe  a  dhion  'sann  a  bha  i  mar  gum  biodh  a  phairilis  oirre,  sguir 
i  speis  chùramach  a  bhi  aice  de  'n  riaghailt  seirbhis  a  dh  'orduich 
an  Tighearn,  agus  leig  i  dhi,  air  son  feum  cleachdail  sam  bith,  aon 
dheth  na  bunaitean  air  an  robh  i  air  a  suidheachadh.  Shruth  iad 
.so  uile  bho  i  dhol  air  ais  ann  an  creidimh  agus  ann  an  gràdh, 
'scha'n  urrainnearr  aobhar  eile  thoirt  air.  Anns  an  tomhas  anns 
am  bheil  an  gluasad  air  son  "  Desestablishment "  calgdhìreach  an 
aghaidh  a  ceud  aidmheil  agus  bhoidean,  tha  e  mar  sin  a  fior  cho- 
'chòrdadh  ri  a  comhairaidhcan  dol  naithe. 


12 

Cluìnnear  cheana  anns  an  Eaglais  Shaoir  toiseach  iolaich  air 
son  "  Diadhachd  reusoin  "  (Rationalism)  an  aghaidh  Fior  Dliia- 
dhachd,  maile  ri  bòsd  air  son  adhartachd.  Tha  riaghailt  teagaisg 
na  theadhair  le  muinntir  a  tha  'n  dùil  gur  coìr  leigeil  leo  fàs  mar  a 
thoiliclieas  iad  fe'in ;  agus  tha'n  spiorad  so  a  tha  ceannairceach  an 
aghaidh  "  buarach  air  an  sraaointin  "  a  cheart  cho  neo-f  hulangach 
air  riaghailt  cleachdaidh.  'S  coma  leis  na  daoine  sin  nach  seas 
suas  air  son  gloine  na  Firinn  seasamh  air  son  naomhachd  na 
Sàbaid.  Bha  so  air  a  dheanarah  g\è  shoilleir  o  cheann  ghoirid 
anns  a  chlèir  as  mo  na'  n'Eaglais  leis  a  "  chuideachd  adhartaich." 
Tha'n  toiseach  am  briathra  atmhor,  anaghaidhDiadhachd,  ann  an 
cumadh  tagraidh  air  son  blàs  as  farsuinneachd  seii'c-air  son  cleachd- 
adh  a  thoirt  do  ghràdh  an  aìte  fuachd  agus  cumhannachd  an  tea- 
gaisg  ghnathaichte.  Ach  bu  ni  neònach  au  gràdh  a  chuirte  'n  aite 
teagaisg.  Tha  iad  a  càineadh  diadhachd  air  son  a  fuachd,  gidheadh 
cha'n  èirich  an  gràdh  fdin  gu  bràth  os  ceann  meaghbhlàs.  Uiiead 
do  theas  's  a  gheibhir  mun  timchiol  'sann  anns  na  sradan  nimh 
neach  at  hilgeas  iad  gu  feargach  an  aghaidh  a  mheud  's  a  tha 
"  cathachadh  air  son  a  chreidimh."  Tha  'n  gràdh  ùr  so  a  ruith 
sios  teagaisg  falkiinn  air  son  a  churahanachd,  ach  tha  e  fein  cho 
cumhan  's  nacheil  e  comasach  fhaicinn  ciod  e  an  ni  mòr  dha  'n 
toireadh  e  rùm.  Ciod  e  ni  a  phògadh  «  ?  Cha  'n  e  an  ni  as 
gi-adhaich  ùile  gu  leir  "  teagasg  fallainn,"  anns  an  faicear  glòir 
ainm,  agus  gràs  slàinte,  Dhe  ann  an  Criosd.  Cha'  n  e  an  lagh  is  e 
iomhaigh  Dhe,  oir  ditidh  e  raar  Pharisealachd  na  h'  uile 
oidhirp  curamach  air  cumail  ri  iarrtuis.  Cha  'n  e  obair 
gràis  anntasan  a  tha  air  an  ath-nuadhachadh  ann  an  iorah- 
aigh  Dhe  ;  air  tha  e  cur  sin  an  suarach ;  agus  a  raeas 
mar  mealladh  a  bhi  ciìramach  dearbhadh  a  chur  air  a  thoraidhean. 
Cha  'n  e  an  doigh  seirbliis  a  dli  'f  hag  Criosd  aig  Eaglais ;  oir  is 
docha  leo  blas  an  t'  saoghail  a  riarachadh  na  bhi  air  an  riaghladh 
leis  an  Sgriobtur.  Cha  'n  o  mhuinntir  a  tha  cùramach  a  bhi 
gluasad  ann  an  eagal  De  ;  oir  is  iad  sin  cusbairean  am  fuath.  Co 
nis  a  gheibh  àite  anus  a  ghràdh  bhòsdail  a  tha  'n  so  ?  Cha  'n 
fhaidh  ach  fè'm,  agus  diomhanas  gliocais  an  t'  saoghail.  Is  leoir 
an  cridhe  as  cuine;e  air  son  iiràdhan  leibideacli  dhe  'n  t'  seorsa  sin. 


13 

Ach  tba  iad  so  a  r'  am  faicinn  ann  an  teagasgan  follaiseach  ciiid 
do  "  Phrofessors  "  san  eaglais  Shaoir,  agus  ann  an  connsaichean 
cùirtean  ar  n'  eaglais,  agus  cha  'n  eil  do  dh'eud  annta  na  bheir 
ruthadh  ann  an  eudan  na  buidhinn  a  tha  deanamh  uail  anns  na 
nithe  sin.  Agus  an  spiorad  a  tha  faighinn  cron  do  fhior  dhiad- 
hachd  'se  e  tha  'g  eigheach  air  son  fuasgailteachd  ann  am  modh 
aoraidh.  Dhiarr  e  'n  toiseach  leasachadh  dhàn  maile  ri  Leabhar 
nan  Salm.  Nuair  a  cliaidh  sin  a  thoirt  dha  le  Eaglais  a  thoisich 
air  claonadh  o  "  na  seann  slighean,"  dhiarr  e  tuilleadh  agus 
tuilleadh  dhiu  sin,  gus  am  fàs  an  ciocras  cho  mòr  air  son  nan 
laoidhean,  mar  a  thachair  ann  an  America,  agus  gum  fuadaichear 
Saihn  Dhaibhidh  gu  h'iomlan  a  mach  as  na  h'  eaglaisean.  Agus 
tha  nis  gu  tighinn  a  dh'  ionnsuidh  an  Ard-Sheanaidh  iarrtus  air 
son  innealan  ciuil  anus  an  Aoradh  fhollaiseach.  Agus  tha  cho 
beag  do  chùram  an  gnothuch  so  a  rannsachadh  mun  taisbean  iad 
an  iarrtus,  's  gur  leoir  le  fear  dhiu  'ràdh — gun  robh  innilean  ciuil 
's  an  T'  Seann  Tiomnadh  agus  nach  eil  iad  air  an  toirmeasg  's  an 
Tiomnadh  Nuadh.  Tha  fear  eile  dhiu  ag  ràdh  gur  e  iarrtus  nan 
cothionalan  bu  choir  a  bhi  na  riaghailt  do  'n  eaglais. 

Agus  tha  'n  treas  fear  a  toirt  mar  aobhar  air  son  gum  bu  choir 
innealan  ciuil  a  bhi  's  na  h'  eaglaisean  a  chionn  gu  bheil  an  saoghal 
air  fas  cho  d^igheil  air  ceòl.  Mun  d'  theid  mòran  uine  seachad 
aontaichidh  ar  n'  eaglais  ri  bhi  riarrachadh  a  chiocrais  fheohnhor 
so  anns  an  aoradh. 

Nis  tha  an  ghiasad  air  son  "  Disestablishment "  ann  an  dlù- 
dhaimh  ris  na  nithe  so  uile.  Mar  is  ann  bho  as-cieidimh  an  t' 
saoghail  a  thainig  diadhachd  reusoin  (rationalism),  agus  bho  bhi 
toileachadh  an  t'  saoghail  feohnhorachd  ann  an  aoradh,  's  ann 
bho  dhoighean  riaghlaidh  au  t'  saoghail  a  thainig  an  gluasad  air 

O  O  O  O  Cl 

son  "Disestablishment."  Cha  'n  àicheaidh  neach  sam  bith  gu 
bheil  a  leithid  so  do  dh'  atharrachadh  na  dhol  naithe,  ach  a  mhàin 
iadsan  a  tha  'g  iarraidh  am  barrachd  saorsinn  dhe'  n  toil  fein. 
Faodaidh  iad  so  bhi  aoibhneach  air  son  leudachach  na  h'  eaglais. 
Shaothraich  iad  air  son  cur  suas  sìtheil  le  "  treigsinnean  ùra," 
agus  theagamh  gu  bheil  iad  toiUchte  air  son  tomhas  do  shoirbh- 
cachadh.      Faodaidh  crun  cuir  iad  an   "  t'  adhartas  "  so  as  leth 


14 

fàis  ann  an  eòlas,  no  gràdli  as  ionraice  do  'n  f  liirinn,  no  as  lcth 
ath-nuadhachaidh  am  mothaichean  spioradail.  Ach  cò  ghabhas 
air  fdin  àicheadh  gun  cleachdadh  an  Eaglais  i  fein  gle  eadar- 
dhealaichte  ann  an  1853  seach  mar  a  rinn  i  bho  cheann  deich 
bliadhna.  Tha  'n  t'  atharrachadh  cho  mòr  's  gur  gann  a  dh' 
aithnichear  gur  i  'n  aon  eaglais  a  th'  ann.  Their  an  f  headhain 
a  tha  dol  leis  an  t-sruth  gur  ann  tha  'n  t'  atharracliadh  so  ann  an 
cleachcladh  na  h'  eaglais  do  bhrigh  atharrachadh  amannan. 

Ach  ciod  a  tha  'n  leithsgeul  so  a  ciallachadh  ?  'N  e  gum  feum 
an  eaglais  a  beachdan  atharrachadh  air  son  atharrachadh  nan 
amannan  ?  No  gur  e  dleasannas  na  h'  eaglais  i  fèin  a  cho- 
chumadh  ri  atharrachadh  shuidhichean  ?  Cha  'n  urainn  gur  e 
cheud  aobhar  a  tha  air  a  chiallachadh  ;  oir  cha  bhiodh  sin  acli  ag 
ràdh  nach  eil  steidh  àraid  sam  bith  aig  an  eaglais,  agus  gu  faod  i 
a  cleachdadh  atharrach  gu  tur  air  sgàth  nithe  o  'n  leth  a  mach. 
Ach  'se  tha  air  a  chiallachadli,  gu  faod  an  eaglais,  am  feadh  a 
dh'  fhanas  i  air  an  t'  seann  bhunait,  a  h'  aghaidh  a  chumail  a  rèir 
's  mar  a  clheireas  nithe  mu'  timchioll.  Tha  so  ceadaichte  gu 
leor,  agus  cha  'n  urainn  eaghiis  sam  bith  fantuinn  gu  glic  o  sin  a 
dheanamh.  Ach  tha  eadar  dliealachadh  mòr  eadar  atharrachadh 
aghaidh  agus  atharrachadh  suidheachidh.  Agus  'se  so  a  tha  ri 
chur  as  leth  na  H'  Eaglais  Shaoir.  Cha  d'  f  han  i  ann  an  creidimh 
agus  gradh  an  t'  suidhichidh  a  ghairm  an  Tighearn  i  gu  ghabhail, 
agus  air  an  d'  fhan  i  gu  dileas  re  tamuil,  ach  ghlacadh  i  ann 
ann  an  struth  riaghladh  feolmhor,  agus  bha  i  air  a  giulain  air 
falbh.  Mur  biodh  ann  an  ghiasad  an  "  Disestablishment "  ach 
atharrachadh  cleachdaidh  air  an  t'  seann  steidh,  dh'  fhaoidte 
leithsgeul  a  ghabhail,  mui-  b'  urainnte  mholadh.  Ach  'se  th'  ann 
atharrachadh  an  stèidh.  'Se  th'  ann  dol  thairis  gu  grunnd  na 
"  Voluntaries  "  air  son  aonadh  an  aghaidh  Steidheachadh  eaglais. 
Faodaidh  i  a  h'  aghaidh  a  thionndadh,  ach  feumaidh  i  cumail  ri 
a"Protest"  an  aghaidh  "  Erastianachd  "  air  an  aon  laimh,  agus 
"  Voluntaryism  "  air  an  laimh  eile.  Feumaidh  i  so  a  dheanamh^ 
mur  siruir  i  bhi  na  H'  Eairlais  Shaoir  na  H'  Alba. 


15 


III — Ar  dleasannas  san  am. 
Is  e  ar  clleasannas  aig  an  àm  so._^thaobh  a  ghluaisid  so  (Dis- 
establishment)  fantuinn  uaith,  agus  cumail  gu  dlùth  ri  suidh- 
eachadh  an  Doalachaidh.  Tha  mi  dol  a  rannsachadh  nan 
argamaidean  a  tha  air  an  cleachdadh  gus  sibh  a  bhi  trèigsinn  an 
t'  suidhichidh  sin,  agus  a  bhios  sibh  air  ur  gairm  gu  cur  nan 
aghaidh. 

I — Staid  mhi-ghealltannach  na  H'  Eaglais  Steidhichte. 

Tha  iomadh  nach  urainn  amharc  air  a  cheisd  so  ach  ann  an 
sealladh  na  staid  anns  am  bheil  an  Eaglais  Steidhichte  aig  an  am 
so.  Tha  mòran  ga  ràdh  air  so'  san  uaigneas,  ged  nach  faighear 
cho  cubhaidh  mòran  a  ràdh  mu  thimchioU  san  fhollais.  Gidheadh 
tha  mòran  a  tha  air  an  giulan  air  falbh  leis  a  ghluasad  aig  nach 
eil  aite  seasamh  d  'an  cognis,  leis  am  fireanaich  iad  an  deanadas, 
ach  do  bhrigh  an  staid  mhi  thaitneach  'sam  bheil  an  Eaglais 
Steidhichte.  Cha  'n  eil  mise  dol  a  ghabhail  leithsgeul  na  h' 
eaglais  sin.  Ach  ged  a  bhiodh  i  nis  miosa  na  darìreadh  a  tha  i, 
cha  'n  urainn  mi  fhaicinn  air  son  sin  car  son  a  sguirinnse 
dhiarraidh  am  beannachd  sin  do  'm  dhùthaich,  a  tha  mi  fuidh 
bhoid  meas  a  chur  air,  ùrnuigh  air  a  shon,  agus,  mar  aon  dhe  'n 
Eaglais  Shaoir,  stri  a  dheanamh  gu  faighear  e.  Faodaidh  sin  a 
bhi  na  aobhar  air  son  gum  bu  mhaith  leam  an  t'  airgiod  ud 
(endowments)  a  mach  as  na  lamhan  aig  am  bheil  e  nis,  ach  cha  'n 
eil  sin  na  aobhar  idir  air  son  nach  bu  mhaith  leam  e  bhi  ann  an 
lamhan  muintir  a  bhiodh  ni  bu  dìlse  ann  'a  cliur  am  feum. 
Agus  nach  e  na  daoine  sin  a  tha  e  air  a  ràdh  gur  coir  an  spùin- 
eadh  dhe  'n  airgiod,  an  dearbh  mhuinntir  bho  nach  urainnear 
a  thoirt.  'S  cinnteach  nach  dean  sibh  peanas  air  ginealaichean 
ri  teachd  air  son  cleas  a  ghinealaich  so.  Dh'  fhagadh  "Disestab- 
lishment,"  na  ciontaich  gun  bheantuinn  riu,  oir  cha  bheanear  ri  'n 
cuid  thad  's  is  beo  iad.  Rachadh  a  bhuiUe  thairis  orrasan,  agus 
blmaileadh  i  air  an  atli-ghinealach  ann  an  Alba.  Agus  am  biodh 
e  Criosdail,  eadhon  ged  bhiodh  e  reusonta,  so  a  dheanamh  na 
eithso;eul  airson    "  Disestablishment  ?  "     An  e  seann  leithsireui 


16 

nan  Caldèach  air  son  am  fòirneart  air  Israel  a  ghablias  sinn, 
"  Cha'neil  sinn  ri  cron  air  bith,  a  chionn  gu'  n  clo  pheacaich  iad 
an  aghaidh  an  Tighearn,"  (Jer.  50.  7.)  Cha  'n  eil  an  aon  tomhas 
dol  uaithe  ri  fhaicinn  's  an  Eaglais  Steidhichte,  eadhon  ged  tha 
"  Na  Searmoin  Albanach"  aice,  's  a  tha  ri  fhaicinn  again  fein  bho 
1843,  agus  bho  chionn  ghoirrid  bha  sin  gle  shoilleir  bho  mar  a 
dhèilig  i  ri  briseadh  na  Sabaid  le  "  lecturean  air  nithe  saoghalta," 
seach  sinne,  anns  na  clèiribh.  Cha  'n  fhuihng  mi  idir  a  ràdh  gu 
bheil  sinn  a  nis  cho  iosal  riusan.  Ach  tha  mi  tomhas  dol  air  ais 
na  H'  Eaglais  Shaor  bho  inbhe  gu  mòr  a  b  'àirde  na  bh'  acasan 
ann  an  1843.  'S  is  olc  a  thig  do  dh'  Eaglais  a  dh'  atharraich  cho 
mòr  ann  am  fàs  nis  miosa,  lochdan  na  H'  Eaglais  Steidhichte 
dheanamh  na  aobhar  air  son  an  dol  air  adhart,  agus  gidheadh  's  e 
an  t'  atharrac  hadh,  a  tha  deanamh  a  dol  air  adhart  cho  neoleith- 
sgeulach,  o'  n  d'  eirich  e.  Ach  cha  dàna  leis  a  bhuidhinn  a  tha 
g'  iarraidh  "  Disestabhshment  "  air  son  gu  'n  deanta  aon  Eaglais 
mhòr  Phresbitreach  ann  an  Alba,  an  leithsgeul  so  ris  an  do  bhean 
mi,  a  gnathachadh.  'Sgann  gu  freagradh  e  ràdh,  "  tka  na  daoine 
so  cho  dona's  gu  feum  sinn  an  tigh  a  leagadh  mu  'n  ceann ;  's  tha 
iad  cho  maith  's  gu  bheil  sinn  ro-dheonach  aonadh  riu." 

2 — Erastianachd  na  H'  Eaglais  Steidhichte. 

Bha  uair  ann  gum  be  so  an  aon  ni  na  suidheachadh  a  bha  air  a 
thoirt  na  h'  aghaidh.  Bho  chaidh  Achd  na  Pàtronachd  achur  as, 
agus  nach  do  ghabh  na  cuirtean  siobhalt  gnothuch  rithe,  leigeadh 
seachad  an  leithsgeul  so  air  son  "  Disestablishment."  Tha  cuid 
de'n  luchd  tagraidh  air  son  "  Disestablishment "  nach  gabhadh 
orra'm  bonn  sin  a  thagradh,  do  bhrigh  gu  robh  daoine  gu  mòr 
na  b'  fhearr  nan  fheadhain  a  tha  air  ceann  a  ghhiasaid  so  nach  do 
ghluais  an  lamh  maile  ris  na  Liberationists  nuair  a  bha  suidh- 
eachadh  na  H'  Eaglais  Steidhichgu  mòr  nis  miosa,  te  thaobh 
Erastianachd,  na  tha  e  nis.  Gidheadh  thu  cuid,  leis  nach  bu 
mhaith  tur  chùl  a  chur  ri  'n  daimh  ris  an  eaglais  sliaoir,  a  their, 
gu  bheil  i  bhi  idir  ann  am  bith  na  fhianuis  an  aghaidh  suidh- 
eachadh  na  H'Eaglais  Steidhichte  aig  an  àm,  agus  gur  còir 
uime  sin  a  tilgeadh  bun  o'  s  cionn.  Ach  cha  'n  eil  a  leitliid  sin 
do  cho-dluinadh  idir  so-thuÌG;sinn  do  dh'  iomadh.     Nach  bu  choir 


17 

gum  feuchta  ri  olcas  steidh  na  H'  Eaglais  Steidhichte  a  chuir 
ceart. 

Nam  b'  urainnte  dhearbhadh  nach  robh  doigh  air  a  h'  ath- 
leasachadh  ach  le  a  tilgeadh  bun  o'  s  cionn  ;  agus  nam  biodh  sùil 
gun  rachadh  oidhirp  a  dheanamh  aù'  Eaglais  Steidhichte  air  bonn 
a  b'  fliearr  a  chur  suas  na  h'  àite,  dh'  fhaodta  'n  argumaid  sin  a 
ghnàthachadh.  Ach  tha  cheud  ni  eu-comasach  a  dhearbhadh, 
agus  air  son  an  dara  ni  cha  ghabh  Fein  Thoileach  sam  bith  san 
Eaglais  Shaoir  air  a  ràdh  gun  iarr  se  e.  Ach  tha  cuid  ann  a  tha 
dàna  gu  leoir  gu  ràdh,  gu  bheil  a  "  Choir  Thagraidh  "  ag  iarradh 
an  Eaglais  a  dhealachadh  ris  an  Stàid.  Gun  iarradh  a  "  Choir 
Thrgraidh "  (Ciaim  of  Right),  a  leithid  sin !  Cha  bhiodh 
e  soirbh  focal  eile  ghnàthachadh,  eadhon  nuair  a  tha  cuid  coma 
ciod  a  their  iad,  is  michuimsiche  na  sin.  Ciod  a  tha'  n  "  Claim 
of  Right),"  ag  iarraidh  ?  Gum  bioclh  Eaglais  air  a  dion  leis  an 
lagh  shiohhall  o  hhifuidh  smàig  na  Stàid.  Is  e  sin,  's  cha  'n  e 
ni  sam  bith  eile  tha  i  'g  iarraidh.  Agus  cha  b'  urainn  dhi  "  Dis- 
establishment "  iarraidh,  oir  bha  i  air  a  toirt  a  lathair  le  Ard 
Sheanadh  Eaglais  mt  H'  Alha ;  agus  nam  biodhta  air  na  bha  i 
'g  iarraidh  fhaotainn  Cha  robh  'n  "  Dealachadh  "  air  tachairt. 

3. — Tha  bhi  cumail  suas  Eaglais  Steidhichte  na  anaceartas 
do'n  dtithaich. 

Is  e  so  argumaid  as  trice  tha  nis  air  a  toirt  air  aghaidh.  Ach 
iiha  'n  tomhas  anns  am  faigh  an  argumaid  so  lamh-an-uachdar  a 
nochdadh  am  fàs  a  tha  "  Voluntaryism  "  agus  beachhan  luchd 
àicheidh  a  deanamh  'nar  measg.  Bithidli  an  argumaid  so  ro- 
bhuadhach  air  inntiun  na  muinutir  a  chùireas  meas  air  nithe  a 
mhàin  a  reir  na  gheibh  iad  asda  do  bhuanachd  shaoghalta,  do 
dh'urram,  no  do  thoilinntinn.  Cha'  urrain  iad  so  luach  a 
chur  air  ìimhlachd  do  Fhocal  Dhe,  no  fianuis  air  son  cUìi  Chriosd, 
no  ni  sam  bith  a  chuidicheadh  cur  air  adhart  aobhair  air  an 
talamh. 

Cha  d'thig  na  nithe  so  idir  fanear  dhoibh  ann  a  bhi  smuain- 
eachadh  ciod  a  bhidh  ceart  dhoibli  a  thoirt  'sa  dheanamh.  Cha'n 
urainn  inntinnibli  luchdaichte  le  nithe  talmhaidh  a  thuigsinn  cia 
mar  is  e  dleasannas  Uachdarain  Eadais  Chriosd  aideachadh  agus 


18 

a  chuideachadh,  agus  mar  a  ni  e  sin,  nach  coir  dha  aidmheil  sam 
Lith  eile  aidcachadh,  no  chuideachadh.  Ach  tha  iad  a  faicinn 
iomadh  eaglais,  agus  nacli  eil  ach  a  h'aon  dhiu  a  sealbhachadh 
cuideachadh  o'n  stàid,  agus  cha  dean  iad  uiread  agus  rannsachadh 
a  dh'  f  haicinn  cia  mar  a  tha  sin  ceart.  Cha'  neil  e  na  obair  chiat- 
ach  a  bhi  feuchinn  ri  'n  leithide  sin  a  riarachadh.  Is  mòr  gum 
b'  fhearr  feuchinn  ri  'n  togail  as  an  tahnhaidheachd  anns  am 
bheil  iad,  na  'n  cuideacliadh  gu  luidhe  sios  far  am  bheil  iad.  Oir 
dhe  na  h'  uile  ni,  's  e  Fein  Thoileachd  (Voluntaryism)  as  neo- 
spioradaile.  Cia  mar  a  bhiodh  e  air  a  chaochla  's  nach  eil  ann 
ach  rud  a  dh'  f  hàs  as  a  "  Cheannairc  Fhrangaich  "  (French  Revohi- 
tion).  'S  ann  as  a  sin  a  fhuair  sinn  e,  agus  is  coltach  e  ri  àite 
bhreith.  Gidheadh  cuirear  an  neo-spioradalachd  as  leth  nan 
daoine  tha  tagradh  air  son  aidmheil  diadhachd  leis  an  rioghachd 
(national  religion).  Tha  e  gabhail  fàth  air  cuideachadh  na  H' 
Eaglais  Stèidhichte  leis  an  Staid  gu  bhi  tilgeadh  spìd  air  an 
stèidh  aice.  Feumaidh  e  sùil  a  chi  còirichean  Chriosd  ann  na 
dhaimh  r'a  Eaglais,  agus  au  t'  eud  sin  air  son  a  ghlòire  a  thogadh 
neach  os  cionn  nan  iarrtusan  Jeibideach  aige  fèin  air  son  saibhreis, 
gu  ruigsinn  air  sealladh  ceart  air  coir  Eaglais  Chriosd  air  gnùis 
agus  cuideachadh  bho  Uachdarain  rioghachdan.  Ma  leigear  so 
seachad  caillear  sealladh  air  iomadh  gealladh  a  bhuineas  do'n 
Eaglais,  agus  caillear  greim  dheth  na  h'  aon  innealan  a  ni  stàth- 
ann  an  am  gleachd  ri  cumhachdan  an  dorchadais  ris  am  feud  an 
Eaglais  fhathasd  a  bhi  ann  an  cath.  Cha'  n  eil  teagamh  nach  eil 
iomadh  a  tagradh  air  son  Eaglais  Stèidliichte  a  mhàin  air  sgàth 
iad  a  bhi  faotainn  agus  a  seilbheachadh  a  cuid  airgioid.  Is  toigh 
leo  "  na  builinnibh  agus  nan'  ^isg,"  's  uime  sin  tha  iad  eudmhor 
air  son  Stdidheachadh  eaglais.  Tha  'ra  bonn  air  am  bheil  sin 
ro-spioradail  air  an  son,  ach  tha  bhuanaclid  aige  hiachmhor  gu 
leor  leo.  Cha'  n  urainn  duine  mòran  spcis  iarraidh  air  son  iad 
so,  no  mòran  foighidean  ri  'n  tagradli  as  leth  Eaglais  Steidhichte. 
Acli  cha  tilg  feolmhorachd  na  muinntir  a  bha  gu  h'  eudmhor  a 
leantuiun  losa,  a  mhàin  a  chionn  "gu  'n  d'  ith  iad  diieth  na 
builinnibh  agus  gu  'n  do  shasuiclieadh  iad,"  sgàile  dorclia  sam 
bith  air  ionncantas  a  mhiorbhuil  leis  an  robh  am  biadli  air  a 


19 

dheilbh,  no  air  glòir  an  Ti  a  rinn  am  miorbhuil.  Cha  mho  na  sin 
bu  choir  gu  'n  cuireadh  saoghaltachd  agus  sannt  na  muinntir  apns 
an  Eaglais  sin  a  tha  "  gu  suaimhnacli  air  an  deasganaibh,"  spior- 
adalachd  a  steidh  an  co-cheangal  ris  am  bheil  iad  a  faotain  sin  a 
tha  iad  a  seilbheachadh,  as  an  t'  sealladh. 

Tha  e  air  a  ràdh  gu  bheil  cumail  suas  Eaglais  steidhichte  na 
ana-ceartas  ann  an  riaghladh  na  dùthcha,  a  mliàin  a  thaohh  a. 
dhaimh  ris  a  mhuinntir  nach  eil  an  taobh  a  stigh  dhi.  Agus  tha 
e  air  aithris  gur  iad  sin  a  chuid  as  mo,  am  feadh  chuireas  cuid 
dhiu  an  aghaidh  Eaglais  stèidhichte  air  achd  sam  bith,  cuid  eile 
'faotainn  coire  do  shuidheachadh  na  H'  Eaglais  a  tha  nis  Steidh- 
ichte,  's  uirae  sin  tha  e  ana-ceart  gum  biodh  i  air  a  cumail  suas 
an  aghaidh  beachd  iad  so.  Is  e  sin  an  fhior  argumaid  a  nis  air  a 
gnàthachadh ;  agus  tha  i  air  a  bonntachadh  air  so,  gu  bheil 
dleasannas  Uachdarain  air  a  chuingealachadh  ri  toil  na  buidhne 
as  mo  dheth  na  li'  iochdarain,  no  nach  coir  dhoibh  ni  sam  bith  a 
dheanamh  ma  bhios  eadiion  a  bhuidhean  as  lugha  gu  coguiseach 
naaghaidh.  Feumaidh  a  mhuinntir  a  tha  cleachdadh  na  h'  argu- 
maid  so  seasamh  air  gum  biodh  e  ana-ceart  do'n  uachdaran  aim- 
sireil  gnuis  sam  bith  a  thoirt  do  Eaglais  Chriosd  mur  biodli  sin 
taitneach  do'n  chuid  as  mo  deth  'n  t'  sluagh.  Ach  nach  e  so 
beachd  luchdàiclieidh  air  modh  riaghlaidh'  a  tha  'n  dùil  gur  ann 
bho  thoil  an  t'  shluaigh  a  tba  cumhaclid  an  uachdarain  a 
g'  eiridh,  agus  nach  ann  bho  òrduchadh  Dhe,  Ma  bha  bhi  ruidli- 
eachd  air  so  do-sheachainte  ann  a  bhi  cur  air  adhart  "giuasad 
an  Disestablishment,"  tha  e  gu  tur  an  aghaidli  beachdan  na 
H'  Eagiais  Shaoir. 

Co  air  a  tha  'n  eucoir  air  a  deanamh  ?  An  ann  air  a  chuid 
dheth  'n  t'  skiagh  a  bhuinneas  do  'n  Eaglais  Shaoir  ?  Cha  'n 
urainnear  sin  a  ràdh ;  oir  ma  chumas  an  Eagiais  Shaor  ri 
h'aidmlieil  agus  ri  a  boidean,  cha  'n  urainn  i  ràdh  gu  blieil  e  na 
eucoir  eagiais  a  bhi  stèidhichte  anns  an  dùtliaich  so  ;  agus  mun 
urainn  iad  iad  fdin  f  hireanachadh  air  son  a  bhi  tagradh  gun  tugta 
gu  crìch  an  Eaglais  Steidhichte  air  son  encoiran  a  suidheachaidh, 
feumaidh  iad  a  nochdadh  gun  du  chum  iadsan  an  gealladh  an 
eucoir  sin  iarraidh  a  tholrt  air  falhh,  agus  gun  deachaidh  an 


20 

dndtadh.  Gus  an  dean  iad  so,  tha  e  ro-mhi-chubliaidh  gun 
ckiinnte  focal  as  am  beul  air  ana-ceartas  an  riaghlaidh. 

An  ann  air  na  "  Voluntaries  "  a  tha  'n  eucoir  air  a  deanamh  ? 
Cha  mho  is  urainnear  so  a  ràdh.  Oir  ciod  a  tha  air  iarraidh 
leosan  a  tha  tagradh  air  son  eaglais  steidhichte  ?  Cha  'n  e  cur 
suas  eaglais  vir  sam  bith,  ach  gum  biodh  eaglais  a  bha  air  a  cuid- 
eachadh  leis  an  Stàid  o  cheann  iomadh  ceud  bliadhna  air  a  cumail 
suas  fathasd.  Ma  's  e  is  gu  'n  d'  atharraich  beagan  do  shluagh 
Alba  an  inntinn  a  thaobh  ceartas  an  ni  bha  'n  rioghachd  a 
deanamh,  an  coir  uime  sin  do  Dh'  Uachdaranachd  na  dutcha  sin  a 
thilgeadh  air  falbh  a  tha  iadsan  a  dìteadh  ?  Am  blieilear  a 
deanamh  ainneart  air  an  coguis  ?  Nach  eil  làn  shaorsa  aca 
fantuinn  air  falbh  o  'n  Eagiais  Steidhichte,  mas  e  sin  an  roghain. 
Agus  ma  tha  aig  beagan  dhiu  ri  cìs  a  phàigheadh  air  son  cumail 
suas  na  h'  Eaglais  Stèidhichte,  nach  ann  fuidh  'n  ualach  sin  a 
chruinnich  iad  am  maoin.  Agus  ma  tha  sin  gu  h'  olc  leo,  's  cinnt- 
each  nach  cruaidhchàs  sam  bith  eisimpleir  Chriosda  leantuinn,  a 
phàigh  cis  do  Cheusar,  agus  a  rinn  eadhon  miorbhuil  gus  f  hao- 
tainn,  ged  a  cliaidh  cuid  dheth  gun  teagamh  a  chumail  suas 
iodhal-aoraidh,  air  son  am  biodh  an  luchd  riaghlaidh  cunntachail. 
Aeh  co  dhiù,  cha  b'  aobhar  ceart  sam  bith  air  son  gun  spuinnteadh 
an  dùthaich  dliefch  sin  a  dhearbh  a  bhi  na  bheannachd  do  'n  t' 
sluagh  fad  cheudan  bliadhna,  air  son  faoineisean  agus  teagamhan 
beagan  dhaoine. 

4. — Cha  'n  eil  air  iarraidh  ach  an  t'  oirgiod  a  thoirt  o  'n 
Eaglais  Stèidhichte. 

Is  e  so  a  tha  "  bhuidhean  fhuasgailte  "  (Liberationists)  anns 
an  Eaglais  Shaoir  ag  ràdh.  Cha'  neil  an  còr  air  iarraidh,  ars 
iadsan,  ged  thachradh  an  "  Disestablishment."  Ach  cia  air  bith 
tha  'n  ciocras  aca  ciallachadh,  cha  'n  e  so  uile  na  thachras  ma 
gheibh  iad  an  iarrtus.  Tha  tilgeadh  Eaglais  na  H'  Alba  bun  os 
cionn  a  gabhail  a  stigh  mòran  a  bharrachd  air  sin.  Cha  'n  urainn 
sin  tachairt  gun  na  h'  uile  aidmheil  l'er  rioghachd  air  diadhachd 
agus  air  an  fhirinn,  agus  air  Eaglais  Chriord,  bhi  air  a  thoirt  air 
falbh.  Is  ann  a  mhàin  tre  'n  Eaglais  Steidhichte  a  bha  'n 
Soiso^eul  atjus  diadhachd  air  an  aideachadh  ao-us  air  erabhail  riu 


21 

idir.  Cba  bhiodh  anns  an  Eaglais  a  dhealachadh  o  'n  Stàid,  ach 
abhi  cur  cùl  ris  na  h'  uile  aidmheil  agus  umhlachd  (l'er  rioghachd) 
do  Dhia  troimh  a  Chriosd.  Mur  bi  Eaglais  Steidhichte  ann 
bithidh  riaghladh  na  dùthcha  air  bonn  àicheidh  a  thaobh  Alba. 
Agus  tha  sin  gu  mor  nis  cudthromaiche  na  ged  bheirte  'n  t'  airgiod 
o  'n  Eaglais  Steidhichte.  Dhinnseadh  dliuinn  o'  cheann  ghoirid 
nach  ni  ùr  sam  bith  ann  an  ^.Iba  bhi  cathachadh  air  son  steidh 
no  "  principle,"  agus  tha  iadsan  aig  am  bheil  an  ceum  toisich  an 
aghaidh  na  h'  Eaglais  Steidhichte  ag  ràdh  gur  iad  hichd  leanmh- 
uinn  nam  martarrach  a  chathaich  anns  an  àm  a  chaidh  seachad. 
Cha  'n  e  so  co  dhiu,  "  Coir  Thagraidh."  Ciod  na  cathan  a  bh' 
ann  's  na  h'  amaibh  sin  ?  Nach  b'  e  gun  robh  ar  n'aithrichean 
diadhaidh  ag  cathachadh  air  son  an  eaglais  a  bhi  saor  bho  chuing 
Cheusair,  's  gum  biodh  Alba  air  o  cumail  fuidh  chuing  Chriosd, 
Chathaich  na  daoine  so  air  son  eaglais  sliaor  dhùthchasail — 
eaglais  steidhichte  bhiodh  saor.  Agus  tha,  ma  's  fior,  na  "  Libera- 
tionists  "  a  leantuinn  an  eisimpleir  !  Tha  cath  an  aghaidh  aon 
dheth  'm  beachdan  na  chath  as  leth  cusbair  an  diombsan. 
Faodaidh  na  daoine  so  cainnt  sam  bith,  cia  air  bith  cho  neo- 
chuimseach,  a  ghnàthachadh  an  deigh  so.  Thubhairt  aon  aca  bho 
chionn  ghoirid  gun  robh  an  ni  air  son  an  robh  iadsan  a  catha- 
chadh  a  beantuinn  ri  "beatha  as  àirde  na  phòca."  Tha  e  doirbh 
luach  beatha  na  "  pòcaid  "  a  mheas ;  ach  shaoileadh  neach  nacli 
ruigeadh  a  "  bheatha  as  àirde  "  leas  a  bhi  gle  àrd  air  son  a  bhi  os 
a  cionn.  'S  e  blia  air  a  chiallachadh  gun  robh  mòran  abharrachd 
air  an  t'  airgiod  a  thoirt  air  falbh  air  a  ghabhail  a  stigh  anns  a 
chùis.  Ach  anns  an  tomhas  anns  am  bheil  so  fior,  tha  e  brònach 
a  bhi  faicinn  dhaoine  dol  gu  dall  an  aghaidh  nithe  ài'd  agus 
cudthromach,  agus  nis  ro-bhronaiche  bhi  g'an  cluinntinn  a  gràdh 
gur  ann  tha  iadsan  ag  iarraidh  ruigheachd  air  "  beatha  's  àirde." 

Tha  e  air  a  ràdh  mar  an  ceudna  nach  ruigear  a  leas  eagal  a  bhi 
gun  tachair  ach  an  f  airgiod  a  bhi  air  a  thoirt  o  'n  Eaglais 
Steidhichte,  a  chionn  's  gu  bheil  lagh  na  Sàbaid,  laithean  traisg 
agus  buidheachais  le  toil  an  luchd  riaghlaidh  ann  an  Staidean 
America  far  nach  eil  eadhon  aidmheil  sam  bith  air  Dia  ann  an 
lagh  na   dùthcha.     Agus   tha   so   air   innseadh   dhuinn   le   fior 


22 

"  Voluntary."  Ach  ciod  an  leasan  a  dh'  f  liaodas  sùra  fhoghkim 
o  'n  leithide  sin  do  nithe  ?  Nach  e  ged  a  tha  iad  ag  aideachadh 
beachdan  na  "  Vokuitaries/'  nach  dàna  leo  an  cur  ann  an  cleacd- 
adh  ?  Cha  dàna  leo  dhol  air  adhart  a  reir  a  bheachd  sin,  mar 
tha  iad  ag  iarraidh  ann  an  Breatuinn  an  daimh  a  tha  eadar  an 
Stàid  agus  Eagiais  Chriosd  a  ghearradh  as.  Mur  bi  an  luchd 
riaghlaidli  ud  mi-dhìleas  do  'n  blieachd  so  cha  'n  urainn  iad  meas 
f haotainn  o  'n  t'  sluagh.  Beachd  sam  bith  nach  urainnear  a  chur 
an  cleaclidadh  gun  creidirah  agus  modhalachd  na  rioghachd  a 
cliur  an  cunnart,  's  cinnteacli  nach  còir  do  mhuinntir  anns  an 
eagiais  a  bhi  g'a  mholadli  do  uaclidaranachdan  dìithcha. 

5. — Is  còir  an  Eaglais  a  dhealachadh  o  'n  Staid  air  soìi 
aonaidh. 

Tlia  gle  thric  mòr  chudthrom  air  a  leigeil  air  cho  iarrtanach  's 
a  bhiodh  e  gu  'm  biodh  aon  Eagiais  mhòr  Phresbitreach  ann  an 
Alba.  Cha  'n  urainn  sin  a  bhi,  tha  iad  ag  ràdli,  gus  an  teid  an 
Eaglais  Steidhichte  chur  as.  Tha  iad  ag  aisling  nan  tilgte  ise 
bun  os  cionn,  ga  'n  tigeadh  na  Presbuteiriauaich  uile  ann  an 
Alba  gu  bhi  nan  aon  Eagiais  mhòr  a  konadh  an  dùthaich.  Ach 
tha  'n  aiskng  so  a  togail  nan  tri  ceisdean  so.  1. — An  tigeadh  iad 
uile  cuideachd  ?  2. — An  soirbhicheadh  iad  cuideachd  ?  3. — Am 
fanadh  iad  cuideachd  ? 

1. — Am  hheil  e  coltach  gun  tig  iad  cwideac/id. — Cha  'n  eil  an 
coltas  is  kigha  air  so,  fhad  'sa  thuigoar  o  'n  tomhas  gràidh  a  tha 
fhathasd  air  gach  taobh.  Tha  h'  aon  co  dhiu,  agus  sin  an  te  's 
mo  dhiu,  nach  bi  ro-dheonach  air  son  an  aonaidh  sin.  Bithidh  i 
ga  faotainn  fein,  car  ìiine  co  dhiu,  gle  neo-eisiraeileach,  do  bhrigh 
nacli  eagal  do  theachd-an-tir  am  ministearan  fhad  's  is  beo  iad, 
agus  cuiridh  i  cak  a  ceud  staide  as  leth  na  tha  'g  iarridh  aonaidh 
ritlie.  Cha  'n  eil  e  gle  cliokach,  uime  sin,  gu  'n  sruthadh  aonadh 
ann  an  gràdh  bho  leithid  sin.  Ma  theid  aonadh  a  dheanamh  leis 
na  h'  eaglaisean  uile,  le  bhi  dealachadh  na  h'  caglais  o  'n  stàid 
feumaidh  gur  ann  o  spiorad  neo-chùrain  a  nithear  e.  Tha  gach 
aon  dhiu  air  an  teagasg  ann  an  sin.  Thoagarah  nan  aonadh  a 
mhuinntir  mhi-churaraach  anns  gach  caglais  ri  cheile  gur  h'  iad 
a  clmid  bu  mho,  agus  tlia  aonadh  air  bonn  airahleathan,  agus  le 


-cfiird  las  agus  bhreòite,  comasach  gu  leor.  'Se  an  suaicheantas  a 
hhiodh  ac'  araon — "  Leag  leam  agus  leagaidh  mi  leat."  Mar  as 
farsuinge  a  bhios  eaglais,  's  ann  is  cuinge  bhios  a  bunait,  oir 
feumaidh  i  bhi  soirbh  a  cur  air  son  snamh,  agus  aite  innto  air 
beathaichean  glan  agus  neoghlan,  ach  ag  eadar  dhealachadh  ris  an 
airc,  anns  gum  biodh  rùm  gu  h'  araid  aig  na  beathaichean  neoghlan. 

2. — An  soirhhicheadh  a  kithied  do'  dh'  eaglais  ? — Tha  e 
eucomasach.  Gun  soirbhicheadh  i  gun  oidhirpe  sam  bith 
air  "  uile  chomhairle  Dhe  a  chur  an  ceille ! "  Gun  soir, 
bhicheadh  i  ag  iarraidh  a  mhàin  a  bhi  làidir  ann  an  aireamh, 
agus  meagh-bhlàth  ann  an  spiorad  1  Gun  soirbhicheadh  i 
gun  chùram  sam  bith  gum  biodh  creidimh  agus  gloine  air  an 
coimhead !  Gun  soirbhicheadh  i  's  eagal  oire  oilbheum  a  thoirt 
do  'n  t'  saoghal  le  bhi  cur  an  aghaidh  a  chleachdaidhean  !  Gun 
soirbhicheadh  i's  i  fuidh  gheilt  a  bhi  cumail  a  mach  "an  aon-fhillt- 
«achd  a  ta  ann  an  Criosd"  ri  "daoiuibh  eagnuidh  agus  tuigseach." 
Gun  soirbhicheadh  i  nuair  a  tha  iarrtus  a  bhi  mòr,  chum  's 
gum  biodh  i  taitneach  don  t'  saoghal  ag  gabhail  aite  Criosd  a 
thoileachadh  chum  's  gum  biodh  i  taitneach  do  Dhia  !  Ach  ma 
theid  an  eaglais  agus  an  Staid  a  dhealachadh  o  cheil,  sud  an 
seors'  eaglais  a  dh'  fhaodair  a  blii  cinnteach  a  bliios  ann  an  Alba- 
air  a  deilbh  le  leithid  sud  do  dh'  aonadh. 

3. — A(fus  am  biodh  aontachd  aii'  a  coimhead  'na  leithid  sin  do 
dli  eaglais  ?  Cha  bhiodh  ach  le  michùram  a  bhi  riaghladh  innte 
gu  h'  iomlan,  agus  nach  dea,nt  'oidhirp  sam  bith  air  aonachd 
creidimh  agus  cleachdaidh  a  choimhead.  Nam  biodh  meas- 
gachadh  sam  bith  na  leithid  sin  do  'dh'  eaglais,  agus  dùrachd  sam 
bith  annta,  cha  b'  fhada  gus  am  brisdte  na  ceanglaichean  grod  a 
bha  ga'  n  cumail  ri  chèile,  's  bhiodh  gach  co-thional  ann  an  Alba 
dealaichte  bho  cheile,  (mar  a  tha  na  h'  Independents.) 

Tha  uiread  do  chòir  agamsa  breith  a  thoirt  air  ciod  a  thachras 
ma  dhealaichear  an  Eaglais  agus  an  Stàid  o  cheile,  's  a  tha  acasan 
a  tha  'g  aisHng  gu  bheil  iad  a  faicinn  Airc  mhòr  Presbitreach  a' 
seoladh  sios  le  sruth  an  am  ri  teachd,  le  brataeh  an  Aonaidh  os  a 
cionn,  agus  sluagh  Alba  uile  gu  leir  innte.  Agus  's  e  so  a  tha  mi 
cur  air  a  mhanadh.     Thugteadh  air  falbh  an  ceanr^al  leis  an  lagh 


24 

a  tlia  aig  ministeirean  na  H'  Eaglais  Steidhiclite  ri  Leabliar 
Aidmheil  a  Chreidimh,  agus  cha  bhiodh  duilgheadas  sam  bith  aig 
iomadh  dhiu  dol  a  nùll  a  dh'  ionnsuidh  Easbuigeachd.  Tha  na  h' 
eaglaisean  eile  ag  àrach  feohnhorachd  ann  an  aoradh,  a  dh'  fliàgas 
an  sluagh  annta  ullamh  airson  co-chomunnriusanasmoriaraicheadh 
an  ciocras  sin,  am  feadh  a  ni  'n  di  eolais  sgriobturail  an  dol  air  ais 
furasd.  Cha  bhi  nis  mo  aobhar  aig  na  Fein  Thoilich  fantuinn  air 
falbh,  agus  cha'  n  fhaic  a  chuid  sin  dheth'  n  Eaglais  Shaoir  a 
sguir  a  bhi  gu  coguiseach  a  toirt  urraim  d'  an  luchd  teagaisg, 
aobhar  sam  bith  air  a  bhi  seasmhach,  air  dhoibh  a  bhi  air  an 
tàladh  gu  bhi  treigsinn  "  nan  seann  cheumaibh,  agus  sligheau 
maith  "  ar  'n  aithrichibh.  'S  e  Easbuigeachd,  mar  so,  an  aon 
doigh  aoraidh  mhòr  a  bhios  ann  an  Alba.  Bidh  saibhreas  agus 
ughdaras  nan  uaislean  air  a  thaobh,  agus  gheibhear  an  sluagh  nis 
so-lùbaidh  dhoibh  na  bha  'n  aithrichean  anns  na  laithean  a  dh' 
fhalbh.  Nuair  a  thacliras  na  nithe  so — ach  0  gum  b  'e  toil  an 
Tighearn  am  bacadh — bidh  a  Phàpanachd  deiseil  gus  an  oidhirp 
mu  dheireadh  a  dheanamh  air  an  uachdaranachd  fhaotain  a  rìs ; 
agus  bidh  an  "  Easbuigeaclid  dhubh  "  an  deigh  a  luchd  leanmh- 
uinn  ullachadh  air  son  cromadh  sios  dha'  n  Phàp.  Is  e  so  a  tha 
mi  cur  air  a  mhanadh  a  bhios  anns  an  àm  ri  teachd.  eadhon  gus  a 
chuid  mu  dheireadh  a  dh'  ainmich  mi.  Oir  tha  suil  agam  gum 
bi  lamh  an  uachdar  aig  "  duine  pheacaidh  "  fathasd  car  uine 
gheari'.  "  Bidh  a  phàpanachd  fathasd  àrd,"  ars  aon  deth  na  li' 
aithrichean  ann  an  Ross,  "agus  tha  e  deanamh  cridhe  duine 
bi'ònach  a  bhi  faicinn  mar  a  tha  i  'g  diridh  ceum  air  cheum  gu 
cumhachd,  gus  an  cuimhnich  e  gur  e  "  Mac  an  sgrios  "  a  tha  fa 
chomhair  a  shùl,  ag  eiridh  airfàradh  an  scaffal,  gus,  an  nuair  a 
ruigeas  è'  n  ceum  as  àirde,  sleamhnaichidh  a  chos,  agus  thig  a  thur 
leagadh  gu  grad  air  sàil  e  dh'  fhaotainn  buaidh." 

AR  DLEASANNAS   SAN  AM. 

Is  e  dleasannas  na  h'  uile  bhuineas  do'n  Eaglais  Shaoir  aig  an  àm 

so,  fantainn  gu  daingean  air  bonn  an  Dealachaidh.     Tha  sinn  fuidh 

bhoidcan  sòleimte  so  a  dheanamh,  cha  d  'tliainig  attharraichean 

sam  bith  fathasd  a  dh'f  huasgail  sinne  o'  n  chumhnant  sin.     Na 


25 

biodh  an  staid  anns  am  bheil  an  Eaglais  Steidhichte  nis  na 
mheadhon  dallaidh  eadar  sinne  agus  ar  n'aidmheil  agus  ar  bòid- 
ean ;  agus  na  fuilingemid  sinne  a  bhi  air  ar  luasguadh  a  null 
agus  nall  le  buaidh  sam  bith  a  bhuineas  do  riaghladh  aimsireil ; 
's  na  leigeadhmid  do  smuainto  faoin  gun  bhonn  sam  bith  mu 
thimchioll  nithe  iarrtanach  son  am  ri  teachd,  sinne  thàladli  air- 
falbh  o'  r  dleasannas  an  diugh.  Ciod  a  tha  againn  ri  chall  le  bhi 
seasmhach  ?  'S  cinnteach  nach  e  deadh-ghean  an  Ti  a  ghairm 
sinn  a  dh'  ionnsuidli  an  t  'seasamh  a  ghabh  sinn  ann  an  1843. 
'S  mur  u'  e,  's  cinnteach  nach  call  ann  an  tomhas  sam  bith,  aon  ni 
a  bhiodh  na  bhuanachd  do  dh'  eaglais.  Tha  soilleir  gu  leor 
caite,  mar  Eaglais  Shaoir,  an  còir  dhuinn  seasamh.  Ma  dh 
fhaodas  sinn  a  bhi  cinnteach  gu  leor  a  so,  clia'  neil  aobhar  sam 
bith  againn  a  bhi  'n  dùil  gu  bheil  an  Tighearn  g'ar  gairm  aii* 
falbh  o'n  t'  seasamh  sin,  no  gum  biodh  buanachd  sam  bith  dhuinn 
a  bhi  g'a  thrèigsinn.  Am  bheil  sinn  a  dol  a  dh'  èigheach  ris  an 
t'  saoghal  gu  bheil  ar  'n  obair,  mar  Eaglais  Shaor,  criochnaichte, 
nach  eil  aobhar  tuilleadh  air  son  na  fianuis  eadar-dhealaichte 
againn  ;  agus  gun  d'thainig  an  t'  am  do'  ar  'n  eaglais  bàsachadh. 
Feumair  so  uile  aideachadh  ma  bheir  ar'n  eaglais  i  fein  fadheòidli 
thairis  do  "  Dhisestablishraent."  Nam  biodh  Ard  sheanadh  1880 
air  an'  ni  air  an  d'  aontaich  a  cliuid  bu  mho  chur  a  nuas  tre'  n 
"  Bharrier  Act  "  gus  na  cleirean,  cha  robh  an  Eaglais  Shaor  ann  a 
nis.  Agus  ciod  e  choir  a  tha  aig  na  leaders  a  bhi  filleadh  na  h' 
eaglais  ann  an  nithe  nach  dàna  leo  bhi  air  an  an  ceangal  riu 
Nam  biodh  iad  air  an  neart  so  a  chur  leis  an  ni  ud  ann  an  1880, 
cha  b  'urainn  mise,  mar  aon,  a  bhi  nis  mo  an  co-cbeangal  ri 
eaglais  a  dheanadh  le  sud  a  suidheachadh  eadar  dhealaichte  a 
thrèigsinn,  agus  i  bhi  ullamh  a  h  'aite  ghabhail  mar  reiseamaid 
arm  nan  "  Liberationists,"  agus  òhiodh  an  co-cheangal  air  a  bhri- 
seadh  a  mhain  le  mise  dh'  fhantuinn  dileas  don  Eaglais  Shaoir. 

IV. — Dleasannas  àraidh  rnuinntir  na  IT  Eaglals  Shaor  anns 

a  Ghàidhealtachd. 
Ann   an   iomadh   dheth   na    blàir   chudthromach  a  chuir  ar 
dùthaieh,  bha  na  reiseamaidean  Gaidhealach  ro-fheumail  an  àra 


26 

cruaidh-chais,  le  bhi  gu  tric  le  'n  treuntas  a  pilltinn  air  falbh  an 
an  naimhdean  nuair  a  bhiodh  an  t'  arm  aca  fèin  ullamh  gu  toirt 
thairis.  Agus  bho  thoiseach  ehathan  a  dhdirieh  o  cliionn  ghoirid 
na'r  n'  eaglais,  bha  na  Gàidheil  comharraichte  barrachd  as  aon 
uair  aig  am  na  h'  èìgìn.  Ann  an  1843,  bha  ur  n'  aithrichean,  mo 
Chàirdean  Gaidhealach,  comharraichte  air  son  aontachd  agus 
breithneachadh  nan  roghain,  nuair  a  thilg  iad  a  steach  an  cran- 
nachur  maiJe  riusan  a  dhealaich  ri  'n  co-cheangal  ris  an  Stàid  a 
chionn  nach  cumadh  i  suas  an  caglais  mur  biodh  i  na  tràil  dhi. 
Bu  chridheiLtoileach  a  chruinnicheadh  iad  an  nuair  sin  air  tràigh, 
taobh-beinne,  no  sleibhe,  gu  aoradh  le  coguis  ghloin,  seach  na 
comhurtachdan  feohnhor  a  bha  air  an  tairgse  dhoibh  mar  bhrib 
air  son  mi-dhilseachd.  Ann  an  iomadh  cùis,  bu  mho  bha  iad  air 
an  cur  thuige  gu  deanamh  mar  a  rinn  iad  le  fuar-chrabhadh  nam 
Fòirneartaich  (the  Intrusionists),  na  le  Erastianachd  na  H'  Eaglais 
St^idhichte.  Bha  'n  Soisgcul  jirìseil  le  mòran  dhiu,  agus  b'aithne 
dhoibh  uile  gun  robh  dealachadh  eadar  teagasg  nan  daoine  bha 
g'  am  moladh  fein  d'  an  coguisibh,  mar  dhaoine  le  Dia,  seach 
teagasg  nam  Moderates.  Mur  b'  aithne  dhoibh  na  h'  uile  ni  bha 
a  cheisd  ud  ag  gabhail  a  stigh,  lean  iad  a  chomhairle  bha  ann  an 
àm  teanntachd  mar  sin  air  a  toirt  do'  n  Eaglais  bho  shean,  "  Mur 
'eilfhios  agad,  O  thus  'a  's  àilHdh  am  measg  bhan,  iìnicJt,  a  mach 
air  luirg  an  treud,  agus  ionaltair  do  mheannain  laimh  ì4  hittltaibh 
nan  aodhaire."  B'  aithne  dhoibh  càite  an  robh  "  buthaibh  nan 
aodhaire,"  agus  dh'  imich  iad  a  mach  gu  bhi  ri  'n  taobh. 

Gus  a  bhliadhna  1873,  bhuanaich  sibhse,  an  clann,  air  an 
•stèidh  a  ghabh  iadsan  aig  an  Dealachadh,  agus  anns  an  teanntachd 
'san  robh  'n  eaglais  an  nuair  sin,  chuidieh  sibhse  gu  daingean 
duineil  bacadh  a  chur  air  Achd  a  bha  gabliail  a  steach  tur 
thrdigsinn  air  ar  fior  fhianuis,  mar  Eaglais  Shaor  na  H'  Alba. 

Nuair  a  thoisich  òganach  sgiobalta  ft^in-bheachdail,  ris  an  d' 
earb  an  Eaglais  gu  mi-cliiallach  teagasg  nam  ministearan  òga,  ri 
Focal  Dhe  a  laimhseachadh  gu  mi-naomha,  leig  sibhse  ris  ur  n' 
iomaguin  gun  coimhidte  na  Sgriobturan  Naomha  bho  eas-urram, 
agus  inntiiniibh  nan  gillcan  oga  anns  a  Cholaiste  o  bhi  air  am 
puinnscanachadh.     Ghhiais  sibh  an  aghaidh  hmndaireachd  na  H' 


27 

Eaglais  mun  ni,  gus  ma  dheireadli  an  do  thoisich  ni-eigin  ri 
dheanamh  's  a  chìiis.  Ach  bu  teagmhach  lag  na  rinn  iad.  Bha 
e  cho  fann  lagchuiseacli  's  gun  d'  fhuaradh  a  chuid  bu  mho  aig 
aon  Ardchleire  a  dion  an  duine  sin  a  bha  deisealachadh  ar  luchd 
teagaisg  òg  le  bhi  cur  umpa  nan  seann  bhroineagan  a  thilg  luchd 
"  Diadhaclid  Reusoin"  anns  a  Ghearmailt  dhiu.  Bhrosnuich  sin 
"  Am  Fcachd  Gàidhealach,"  agus  le  'n  cuideachadh,  philleadh  an 
sruth  cho  fad  's  gun  do  chuireadh  ara  Professor  as  a  chathair.' 
Ach  tha  cuid  ann  nach  geiltich  roimh  ni  sam  bith  cho  raòr  ri  bhi 
seasmhach  breithneachail,  ach  ann  an  cùis  theagmhach.  Cha'n 
fhaicear  iad  coltach  ri  bhi  deanamh  ni  ceart  gus  an  fheudar 
dhoibh,  agus  tha  na  dh'  oidhirpicheas  iad  a  dheanamh  an  uair 
sin  a  mhain  air  bhloigh  deanamh.  Bha  na  leaders  anns  an 
rathad,  agus  bha  leithid  do  mharbh-chudthrora  timchioll  orra,  's 
gun  robh  e  eu-comasach  gun  giìilaineadh  an  sruth  a  thainig  orra 
bho'n  cìil  fada  gu  leor  iad. 

Tha  cron  co-ionann  a  nis  air  a  dheanamh  le  h'aon  eile  dheth  ar 
Professoran,  agus  fhathast,  mar  a  b'  àbhaist,  cha  do  ghluais  ar 
leaders  gu  ni  sam  bith  a  dheanamh  a  thaobh  nara  raearachdan  a 
tha  e  craobh-sgaoileadh.  'S  e  tha  fasanta  'n  ar  là'  foighidinn 
shuairahneach  a  chleachdadh  a  thaobh  ionnsuidhean  nairahdeil 
fiir  an  Fhirinn.  Tha  nuair  sealltuinn  an  deigh  na  muinntir 
sin  a  tha  tarruing  iomadh  sùil  bho'n  dorsa  fein,  le  bhi  togail 
suas  aithinibh  teine  aig  dorsaibh  an  coirahearsnaich,  an  aite  bhi 
curaail  gloine  nan  eaglais  f^in.  Tilgidh  iad  a  nis  uatha  bratach 
na  H'  Eaglais  Shaor  air  son  ni  nach  eil  cho  tarbhach,  agus  a 
'cheart  cho  tahnhaidh  ri  "raias  bhrochain,"  gus  an  reicear  ri 
beachdan  luchd  àicheidh  coir-bhreithe  sluagh  Alba. 

A  mhuinntir  na  Gaidhealtachd,  tha  cruaidhchàs  eile  air  teachd, 
agus  tha  feura  a  rìs  air  bhur  cuideachadh  tapaidh.  B'  àbhaist 
duibh  meas  a  chur  air  Eaglais  Stèidhichte  cheart  ann  an  Alba 
agus  tha  sibh  fuidh  bhòid  bunchar  Eaglais  Stdidhichte  a  dhion 
an  aghaidh  na  h'  uile  fear-ionnsuidh.  Tha  sibhe  bhuineas  do  'n 
Eaglais  Shaoir  a  deanamh  suas  naoi  earannan  do  shluagh  na 
Gàidhealtachd  mu  Thuath.  'Sam  dhuibhs'  uirae  sin  a  bhuineas 
le  còir,  air  son  curaail  suas  an  t'  soisgeil,  a  reir  Leabhar  Aidmheil 


28 

a  Chreidimh,  an  t'  airgiod  (the  Endowments)  a  thugadh  uaibb 
car  ìiine  le  ainneart  a  dheanamh  air  bhur  coguisibh.  'Sann 
dhuibhse  bhuineas  a  bhi'  mealtuinn  sin  gun  a  bhi  air  bhur 
cuingealachadh  le  ni  sam  bith  ris  nach  b'  urainn  sibh  aontachadh 
mar  mhuinntir  na  H'  Eaglais  shaor.  Cha  'n  eil  na  'r  luchd 
riaglaidh  ach  tmstees  gn  bhi  riaghladh  airgiod  na  rioghachd  air 
son  bhur  buanachdsa.  Cha  'n  eil  sluagh  sam  bith  cho  feumach 
air  an  ionnmhas  ud  ruibhse.  larraibh,  ma  ta,  gu  seasmhach 
aontachail  sin  a  tha  bhur  n'  eaglais  fuidh  bhòid  "  na  h'  uile 
meadhon  laghail  a  chleachdadh "  air  son  fhaotuinn.  Tha  so 
co-shinnte  ri  dleasannas  na  H'  Eaglais  Shaor.  Tha  e  mar  f  hiach- 
aibh  oirn  so  a  dheanamh  a  reir  ar  boidean  mar  Eaglais.  Agus 
tha  so  gu  h'  ^araidh  feumach  a  bhi  air  a  dheanamh  a  nis.  Oir 
tha  oidhirp  ga  dheanamh  leis  an  uile  chabhaig  an  t'  airgiod  ud  a 
chur  as  bhur  car,  agus  a  chur  far  nach  ruig  sibh  air  gu 
brath  tuileadh.  Cha  'n  urrain  sibh  an  Eaglais  a  chumail 
suas  n'  ur  measg  fèin.  Feumaidh  sibh  a  bhi  'n  crochadh 
air  cuid  eigin,  ann  an  tomhas.  Am  bheil  sibh  gu  bhi  'n  crochadh 
orrasan  a  tha  nis  ga  bhur  meas  na  'r  cnap-starradh.  Cha  bu 
chòir  dliuibh  mar  Ghaidheil,  crùbadli  le  leithid  sin,  nuair  nach 
eil  ìimhlachd  do  lagh  Chriosd  ag  iarraidh  a  leithid  sin  do  dli' 
isleachadh.  Agus  tha  sibh  an  grad  uair  bhur  còir  a  thagradh^ 
nuair  a  tha  cuid  dhiusan  a  tha  feargach  ribh  air  son  ur  seasmhachd, 
a  bagairt  an  cuideachadh  a  thoirfc  uaibh  a  b'  àbhaist  doibh  a 
thoirt  dhuibh. 

Cha  'n  eil  an  t'  ionmhas  ud  (Endowmenfcs),  far  an  ruig  sibh  air 
do  bhrigh  gu  bheil  sibh  saor  gu  aonadh  ris  an  Eaglais  Sfceidhichte. 
Tha  sibh  Saor  do  bhrigli  nach  eil  sibh  dhi ;  cha  'n  eil  sibli  saor 
gu  dhol  innte.  Cha  'n  eil  a  suidheachadh,  ged  a  tha  e  nis  fearr 
bho  chuireadh  as  a  Phàtronachd,  no  a  staid  gu  spioradail,  f  hathast 
air  chor  's  gum  b'  urainn  sibh  aonadh  rithe.  Nam  biodh  i  na 
cleachdadh  bho  cheann  ghoirid  a  nochdadli  tomhas  sam  bith  do 
dhilseachd  air  son  na  nithe  sin  a  tha  i  fuidh  bhoidean  a  dliion 
agus  a  chur  air  adhart,  nain  biodh  coltas  sam  bith  air  ath- 
nuadhachadh  beatha  spoiradail  am  measg  a  cuid  mhinistearan, 
agus  a  buill,  air  an  t'  suidlieaehadh  a  tha  nis  aice,  dh'  fhaodadh 


29 

•eaglais  shoirbheacliail  a  bhi  n  Alba  fhathast.  Nuair  nach 
robh  nithe  cho  maith  innte  thaoVih  a  daimhcan  ri.s  an 
riaghladh  aimsireil,  shoirbhich  diadhachd  ann  an  Eaglais 
na  H'  Alba  ann  an  lathaicliean  a  ehaidh  seachad.  Bha  na 
lathaichean  a  b'  fhearr  a  blia  riamh  's  an  Taobh  Tuath,  no 
tha  e  coltach  a  bhios,  air  an  taobh  so  de  'n  mhileinium,  aca  ann 
an  co-cheangal  ris  an  Eaglais  St^idhichte,  nuair  a  bha  a  suidh- 
eachadh  mòran  ni  bu  mhiosa  na  tha  e  nis,  agus  aig  àm  a  bha 
marbhantachd  spioradail  air  a  sgaoileadh  cho  mhòr  air  na  h'  uile 
earrann  eile  dheth  'n  eaglais  ann  ar  tìr.  Aig  an  àm  so  's  ann  a 
tha  gluasad  na  h'  eaglais  ud  a'  dol  le  bruthaich.  Tha  i  gu  soilleir 
a  leudachadh  le  bhi  meudachadh  àireamh  a  builL  agus  a  co- 
thionalan ;  ach  tha  i  cheart  cho  soilleir  a'  farsuingeachadh  a 
beachdan  le  bhi  lughdachadh  a  bunaitean  creidimh.  Cur  suas 
leis  gach  seorsa  saobh-chreidimh,  ag  aithris  air  bhi  coltach  ris  an 
Eaglais  Easbuigeach  an  ùrnuigh  agus  feolmhorachd  an  aoraidh, 
agus  saorsa  aig  co-thionalaibh  air  son  gach  ni  a  tha  sgriosail  do 
dh'  aontachd  agus  ordulachd  Phresbitreach,  sin  na  comharraidhean 
a  th'  oirre  aig  an  àm  so.  'S  e  ur  seasamh  dleasannach,  ma  ta, 
Mo  Chàirdean  Gàidhealach,  fantuinn  dealaichte  blio  leithid  sin 
<lo  dh'  eaglais.  Ach  sin  a  tha  g'an  cumailsan  suas  nan  neo- 
€homasachd,  buinidh  e  dhuibhse.  Feumaidh  sibh  a  tliagradh 
o  'n  Phàrlamaid.  An  tagradh  so,  air  a  chur  g'  an  ionnsuidh  leis 
a  mhòr-shluagh,  cha'  b'  urainn  Uachdaranachd  sam  bith  a 
dhiùltadh  le  tomhas  sam  bith  do  cheartas.  Gus  a  so  sheas  sibh 
bhur  'n  àite  mar  mhuinntir  na  H'  Eaglais  Shaoir.  Cha  'n 
urainnear  ainmeachadh  a  chum  bhur  nàire  ach  aon  fhàiUinn 
uaith  so.  Tha  mi  ciallachadh  cuis  Uige  (Leòthas).  Ach  tha  e 
farasd  a  thuigsinn  mar  a  thachair  sin.  Bha  'n  sluagh  an  sin  air 
am  frionasachadh  le  bhi  gu  neo-ghlic  a  sìr-mholadh  dhoibh 
aonadh  ris  na  "  Voluntaries."  Thainig  am  frionas  so  gu  àirde 
nam  measg.  Thairgeadh  dhoibh  rathad  dol  as  nach  do  sliaoil 
iad  a  bhi  na  dhol  a  steach  do  'n  eaglais  Steidhichte.  Bha  aon  a 
bha  na  mhinistear  de  'n  Eaglais  Shaoir  ullamh  air  son  an  sgìre 
ghabhail  ri  'n  taobh.  Bha  beagan,  ris  am  b'  abhaist  do  'n  t' 
sluagh  amharc  suas,  air  an  iomain  gu  comhcheangal  ris.     Bha 


30 

atliair  diadhaidh  aige,  a  bha  na  mholadh  air.  Shaoil  leis  an  t* 
sluagh,  uime  sin,  ann  an  àite  cho  fad  as,  agus  ann  an  suidhichean 
cho  eadar-dhealaichte,  gum  faodadh  iad  teicheadh  o  'n  bhuaireas 
fuidh  'n  robh  iad,  gun  fior  chomh-cheangal  idir  a  bhi  aca  ris  an 
Eaglais  Steidhichte,  agus  mar  sin  dh'  fhalbh  iad.  Ach  's  e  so  an 
t'  aon  bhriseadh  anns  an  Eaglais  Shaoir  'sa  Ghàidhealtachd,  's  e 
so  an  aon  leasachadh  as  fhiach  ainmeachadh  a  thainig  air  an 
Eaglais  Stèidhichte  's  an  Taobh  Tuath  bho  1843.  Agus  gidheadh 
cha  'n  eil  earrann  eile  dhe  'n  Eaglais  as  greimeile  tha  cumail  ris 
an  "  estahlishment  ^rinciple"  ged  a  chaidh  mòran  a  dheanamh 
leis  an  Eaglais  do  'm  buin  sibh,  a  bha  'n  aghaidh  ur  beachdan, 
agus  fuathmhor  do'r  faithrichean.  Ach  an  deigh  so  uile,  tha  sibh 
dheth  'n  Eaglais  Shaor  fhathast,  na  'r  seasamh  air  grunnd  an 
Dealachaidh  ;  agus  sin  an  nuair  a  tha  'n  Eaglais  Stèidhichte  gu 
mòr  air  a  neartachadh  ann  an  iomadh  baile  mòr  ogus  cèarn  dho 
'n  Taobh-deas. 

Ma  bhios  bhur  gluasad  air  son  tagairt  nan  "  Endowments  " 
roinneil,  cha'n  urainnear  ur  coireachadh  air  a  shon.  Mur  dean 
ur  n'  eaglais  sbàirn  aontachail  air  son  gu  faigheadh  sibhse  bhur 
"  Coir  Thagraidh,"  chà  bhi  sibhse  cunntachail  air  son  am  mishùim. 
Ma  bhios  sibh  leibh  fein,  cha'n  urainn  sibh  a  leasachadh.  An  ni 
bu  choir  dha'n  Eaglais  uile  a  dheanamh,  bu  choir  dhuibhse 
dheanamh,  ged  nach  racliadh  aon  eile  an  cobhuinn  maille  ribh. 
Le  so  a  dheanamh  bhiodh  sibh  a  coimh-lionadh  bhur  geallaidhean 
mar  mhuinntir  na  H'Eaglaise  Shaoire  ;  agus  cò  aig  am  bheil  fios 
nach  saoradh  sibh  bhur  dùthaich  bho  aon  de  na  truaighean  as 
uamhasaiche  b  'urainn  tighinn  oire.  Uime  sin,  cho  luath  's  a 
thig  cothrum  iomchuidh,  agus  faodaidh  sin  a  bhi  gle  dhlùtli, 
tagraibh  bliur  còir  o'  n  luchd  riaghlaidh  air  an  ionmhas  a  thugadh 
uaibh  gu  h'  ana-ceart  agus  tha  cuid  a  feuchainn  a  nis  ri  chur  far 
nach  ruig  sibh  tuileadh  air.